Skip to main content

‹‹‹ prev (54) Page 50Page 50

(56) next ››› Page 52Page 52

(55) Page 51 -
GRAS AM TAILTEAS, &C. 51
thimcbioll. ged air leam gu'm b'ann o fliirbheng
aobbair, agus thug e cuireadh dhomh a chum a
tbaighe, far an cluinninn e còmhradh ri muinn-
tir eile mu thimcbioU dèiligeadh Dhè r'a n-anm-
annan, ni o'n dh' fhuair mi tuilleadh dearbh-
aidh, agus o'n uair sin thòisicli mi air faicinn
ni-eigin do dhiamhanas agus do thruaighe mo
dhroch cridhe fèin o'n leth a* steach. A nise
fbuair mi gu soilleir, gu'n robh ana-miannan
agus truailleacbd ga'n cur fèin a mach an leth
an steach dhomh^ le droch smuaintean agus
miann, do nach tug mi roimhe sin an aire.
Thòisich mo dhèidh air nèamh agus air beatha
air fàilinn ; fhuair mi mar an ceudna far an
robh m' anam roimhe sin a' gabhail fadachd an
deigh Dhè, thòisich e nise air iarraidh an deigh
gach diamhanais gòrach ; seadh, cha bu chom-
àsach mo chridhe air ghluasad a chum cuimh-
neachadh air an ni sin a bha math ; thòisich
e air a bhi neo-chììramach agus coma mu
tbimchioU m' anma agus nèamh ; bbiodh e nise
do gbnà a' fuireach air ais, araon a chum gach
dleasanJ^is, agus anns gacb dleasanas, agus bha e
mar spearrach air casan eòin a chum a chumail
o itealaich.
78. Ni h eadh, shaoil mi nise gu'n d' fhàs
mi ni's mios' agus ni's miosa, a nise bha mini's
faide bho iompachadh na bha mi riamh roimhe,
uime sin thòisich mi air siothladh sios gu mòr
*nam anam, agus ag altrum Idg-mbisneach ann
an^ chridhe, ni a rinn mo leagadh sios cho iosal

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence