Skip to main content

‹‹‹ prev (243) Page 241Page 241

(245) next ››› Page 243Page 243

(244) Page 242 -
242 OSNAIDHEAN BHO IFRINN,
dòchais/' (Rom. xv. 4,) aìrdha a* bhicreìdsinn
gur leis fèin na nithe ud, a tha na sgriobturan
a' cumail a mach.
4. Rannsaich, am beil eagal ort peacachadh
an aghaidh Dhè, de bhrìgh gu'n d'àithn' e ort
anns na sgriobturan gun sin a dheanamh ?
Am beil thu ri dichioll a chum do ghairm agus
do thaghadh a dheanamh cinnteach, do
bhrìgh gu 'm beil Dia g'a iarraidh anns na
sgriobturan .?* Am beil thu g' a do cheas-
nachadh fèin, a dh' f heuchainn am beil thu
anns a' chreideamh no nach eil, air dhut
àithne a bhi agad anns an sgriobtur gu sin a
deanamh ? No 'm beil thu (gun bhacadh a
ghabhail o na tha thu leughadh anns an
sgriobtur) a' leantainn an t-saoghail, a' gabh-
ail tlachd ann am peacadh, a' dearmad
lighinn gu losa Criosd, a' labhairt uilc mu
thimchioU nan naomh, a' deanamh tàir agus
fanaid air òrduighean Dè, a' gabhail tlachd
ann an droch cuideachd, agus a leithid sin ?
Ma tha, biodh fhios agad, gur ann do
bhrìgh nach eil thu da-rìreadh agus ann am
firinn, a' creidsinn nan sgriobturan gu h-èif'-
eachdach. Oir mar a thuirt mi roimhe, ma tha
duine g' an creidsinn, agus sin gu sàbhailt, an
sin tha e fo fhiamh, tha e sealltainn r'a
cheuman, tha e tìonndadh a chasan o olc, agus
a' deanamh dìchioll gu leanmhainn an ni sin a
ta math, ni a dh' àithn' Dia ann an sgriob-
turan na fìrinn, gidheadh cha-n ann bho aobhar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence