Skip to main content

‹‹‹ prev (241) Page 239Page 239

(243) next ››› Page 241Page 241

(242) Page 240 -
240 OSNAIDHEAN BHO IFRINN,
Tha sibh ann am mearachd, do bhrigh nach
eil eòlas agaibh air na sgriobturan, no air
cumhachd Dhè, Marc xii. 24.
2. Tha thu 'g ràdh gu 'm beil thu creid-
sinn gur e na sgriobturan facal Dè. Tha
mise 'g ràdh, a rithist rannsaich, an robh thu
riamh air do bheothachadh o staid mharbh le
cumhachd spioraid Chriosd tre 'n earrainn eile
do'n sgriobtur 'se sin ri ràdh, le cumhachd Dhè
'na Mhac losa Criosd, tre chùmhnant a' gheall-
aidh ? Innseam dhut o 'n Tighearn, ma bha thu
mar sin, mhothaich thu leithid do chumhachd
beothachaidh ann am briathran Chriosd, (Eoin
vi.) 's gu 'n robh thu air do thogail a mach às
a' chòr mharbh sin anns an robh thu roimhe ;
agus an uair a bha thu fo chionta peacaidh, fo
mhallachd an lagha, agus fo chumhachd an
diabhoil, agus fo cheartas an Dè mhòir, gu 'n
robh thu air do dheanamh comasach le cumh-
achd Dhè ann an Criosd air f hoillseachadh
dhut leis an Spiorad, trid an sgriobtur,
gu sealltainn air peacadh, bàs, ifrinn, an
diabhol, agus an lagh, agus na h-uile nithibh a
ta ann an nàimhdeas 'na t'aghaidh le dànachd
agus comhf hurt ann ad ghnùis tre f huil, bàs
ionnracas, aseirigh, aguseadar-ghuidhe Chriosd,
a th' air an luaidh anns na sgriobturan.
Agus 3. air sgàth so, cia cho oirdheire
sa ta na sgriobturan do t'anam ! O cia mòr do
dh'fheartan a tha thu faicinn 'na leithid
do ghealladh, 'na leithid do chuireadh ! Tha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence