Skip to main content

‹‹‹ prev (230) Page 228Page 228

(232) next ››› Page 230Page 230

(231) Page 229 -
NO AGAIN ANMA DAMNAITE. 229
anam, agus a' leigeadh ris do 'n anam a'
plieacannan an aghaidh an lagha : agus a*
feuchainn do 'n anam cuideachd, nach urrainn
e gu h-iomlan ceartas De a rìarachadh air
son briseadh an lagha, uime sin tha e air a
dhìteadh, (Eoin iii. 19.) Thoir an aire, an tì
nach creid, tha e air a dhìteadh cheana eadhon,
leis an lagh, 's e sin, tha 'n lagh g'a dhìteadh,
seadh, dhìt se e air son a pheacannan *na
aghaidh ; mar a ta e a sgrìobhte, " Is mall-
aichte gach neach nach buanaich anns na
h-uile nith a ta sgrìobhte ann an leabhar an
lagha chum an deanamh," (Gal. iii. 10.) A nise
tha na h-uile neach mar a ta iad a' teachd a
steach do 'n t-saoghal, anns a! chòr so, 's e sin,
air an dìteadh leis an lagh. Gidheadh 'nuair
nach eil iad a' creidsinn an dìtidh leis an
lagh gu cinnteach, cha-n eil iad ni 's mò a
creidsinn gu fìrinneach agus gu h-èifeachdach
an lagh a tha g'an dìteadh. Oir mar nach eil
aig daoine ach barail mu thimchioll an aon
*se sìn, an dìtidh air son peacannan an agh-
aidh an lagha ; mar sin cha-n eil ac' ach
barail mu thimchioll cumhachd dìtidh, marbh-
aidh, agus lèir-sgriosach an lagha ; oir mar a
tan't-aon, mar sin anns na nithibh so tha do
ghnà an t-aon eile. Cha-n eil duine sam bith
ann a tha gu firinneach a' creidsinn an lagha
no 'n t-soisgeul, ni's f haide 'na tha iad a' fair-
eachdainn an cumhachd agus an ùghdarrais
'nan cridheachan. " Tha sibh am mearachd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence