Skip to main content

‹‹‹ prev (218) Page 216Page 216

(220) next ››› Page 218Page 218

(219) Page 217 -
NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 217
facal Dè, is iad a ehuid as mò, 's a th' air an
òrduchadh gu bhi air an dìteadh. Air do
mhic sheann Eli gun èisdeachd ri guth an
athar, g'an cronachadh air son an cuid
peacannan, ach a bhi eas-umhal d'a ghuth,
tha e air a radh, " B' ann a chionn gu 'm b' àill
leis an Tighearna am marbhadh," (1 Sam. ii.
25.) A rithist, faic an 2 Eachd. xxv. 15^ 16,
air do Amasiah peacachadh an aghaidh an
Tighearna, chuir e da ionnsaidh fàidh chum
a chronachadh ; ach arsa Amasiah, " Leig
dhiot, c'arson a bhidh tu air do bhualadh ?''
(Cha d' èisd e ri facal Dè). A an sin leig
am fàidh dheth, ag radh, Tha fhios agam
gu *n do rùinich Dia do sgrios, do bltrìgh
nach d' èisd tha ri mo chomhairle-sa." Leugh
air an aobhar sin, agus gu'm a h-ann a bheir an
Tighearn tuigse dhut. Oir bithidh crìoch
thruagh air a' mhuinntir ud a thèid air an
aghard ann am peacachadh an aghaidh Dhè,
a' diùltadh f hacail.
Dh' f haodadh nithe eile a bhi air an toirt
fainear o'n rann so, nithe aig an àm so air an
tèid mi seachad ; ann an cuid air son gu 'n
do bheanadh ris an t-sùim aca cheana, agus
faodaidh iad a bhi ni 's ro shoilleire air an
luaidh anns an ath rann a leanas ; agus air an
aobhar sin labhraidh mi beagan bhriathran ris
an ath rann^ agus mar sin teannaidh mi gu
co dhiìnadh.
T

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence