Skip to main content

‹‹‹ prev (200) Page 198Page 198

(202) next ››› Page 200Page 200

(201) Page 199 -
KO ACAIN AISMA DAMNAITE. J 99
n-uile pheacannan ann an smuain. facal, agus
gnlomh, agus a bhi gu cinnteach air ar dìteadh
air an son cuideachd, mur teann sinn a steach
ri ar Tighearn Tosa Criosd, agus ris na rintj
agus na dh' f huilig e air son beatha mhaireann-
ach, agus sin cha-n ann gu ceann-bharaileach,
no gu beul-aithriseach, ach gu fìrinneach agus
gu tearainnte, ann an cumhachd, agus le oib-
reachadh an Spioraid, tre chreideamh ; (Ecles.
xi. 9, 12, 14— Eabh. ix. 21— Gniomh. x. 42,
xvii. 30, 31—2 Cor. v. 10— Tais. xx. 12)—
" Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus
mòr, nan seasamh am tìanais Dè agus
dh' fhosgladhnaleabhraichean : agus dh' fhos-
gladh ìeabhar eile, eadhon leahhar na beatha
agus thugadh breth air na mairbh às na nithibh
sin a bha sgrìobht' anns na leabhraichean."
Tha leabhar nan creutairean, leabhar nan
cogaìsean, leabhar-cuimhne an Tighearna,
leabhar an lagha, leabhar an t-soisgeil. (Rom.
1.20, ri Rom. ii. 12, 15, Tais. vi. 19, Eoin
xii. 48.) " An sin tearbhaidhe iad o chèile, mara
thearbas buachaiU, a chaoirich air a làimli
dheis, agus na gobhair air a làimh chlì." Agus
their e riu-san air a dheis. '' Thigibh, a dhaoine
beannaichte" Ach ri càchtheir e imichidh
uain ashluagh mallaichte, (Mat. xxv. 80 — 41.)
Gidheadh, ged tha na sgriobturan cho soilleir
agus cho pailte a' labhairt mu na nithibh so, mo
thruaighe ! cò an sin a ta air an sgaradh o 'n
t-saoghal, agus o' n cuid peacannan agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence