Skip to main content

‹‹‹ prev (120) Page 118Page 118

(122) next ››› Page 120Page 120

(121) Page 119 -
NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 1 Ì9
Ann an àm mo bheatha, cha bu toìgh leam
èisdeachd ris an fhacal sin bu mho a bheum
mi, agus a dhf heuch dhomh mo staid gu ceart.
Bha mi air mo chràdh, air mo chiùrradh, an
'am èisdeachd a bhi luaidh mo pheacannan agus
d'an cuir ri mo chunntais ; ghràdhaich mi ni
b' fhearr an tì sin bu mhò a mheall mi, agus a
thuirt, *' Sìth, sìth, 'nuair nach robh sìth ann."
(ler. vi. 14.) Ach a nis', o nach ann a bha e
air innseadh dhomh uime ! gu cridheil,
gu treun, gu firinneach, gu fallain. O ! nach
anna bha e air drìighadh tre mo chluasan agus
tre mo chridhe, agus air, sathadh cho teann,
's nach b' urrainn ni sam bith mo leigheas,
ach fuil Chriosd a mhàin ; tha e ni's fearr
cùis innseadh gu rèidh soilleir dhuinn, na
gu 'm biodh sinn air ar mealladh^ b'fhearr
dhaibhan cor cailltefhaicinnanns an t-saoghal,
na fuireach gus am bi iad damnaite, mar a
rinn mise ; sin, " cuir Lasarus,*' cuir e gu
tigh m' athair. Leig dha dol agus a ràdh,
chunnaic mise do mhac, do bràthair, ann an
ifrinn, a' gul, agus a' caoidh, agus an snagadaich
f hiacal : labhradh e riù le ùghdarras uime,
agus innseadh e dhaibh gu soilleir gu 'm
beil e mar sin, agus gu 'm faic iadsan an
truaighe shìorruidh, mur bi cùram àraidh
orra. '< Cuir e gu tigh m' athar."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence