Skip to main content

‹‹‹ prev (94) Page 92Page 92

(96) next ››› Page 94Page 94

(95) Page 93 -
NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 9^
thigibh agus thugaibh an aìre dhaibh ann an
ùine ghearr, agus an àite teas comhfhurt,
cha-n f haigh sibh ni sam bith ach beagan do
luathair mharbh ; agus an àite teine lasarach
cha-n f haigh sibh ni sam bith ach fàileadh ceò.
Tha àm a' tighinn, anns am bidh na h-ain-
diadhaich subhachair son cuibhrionn a's fearr,
'nuair a chì iad faoineachd so, 's e sin, 'nuair
a chì iad ciod a ni bochd a th' ann do duine
a chuibhrionn a bhi aige anns an t-saoghal so.
Tha e fior, am feadh a tha iad an so air an
taobh so do dh' ifrinn, tha iad a' smuaìneach-
adh nach eil ni sam bith gu bhi air a choimeas
ri beartas, urram, agus toil-inntinn anns an
tsaoghal so, ni a tha toirt orra glaodhach a
mach, *' Cò a nochdas duinn math sam bith,"
(Salm iv. 7,) ni a ta ciallachadh, buannachd,
agus glòir an t-saoghail so.^ Ach an uair ud
chì iad gu 'm beil ni e Je ann is fearr, agus ni's
luachmhor' na deich mile saoghal. Agus
gu dùrachdach a cbàirdean, nach cràdh, nach
trioblaidich, nach ioma-cheistich, agus nach pian
e sibh, 'nuair a chì sibh gu'n do chaill sibh
nèamh, air son beagan sòlais agus buannachd
ann an àm 'ur beatha ; gu cinnteach pianaidh
e sibh, agus cuiridh e sibh fo, mhòr chàmpar a
bhi faicinn an nèamh a dh' fhàg sibh air son
saoghal breun^truaillidh. O! na'n deanadh sibh
uiread rì so a chreidsinn, na 'n deanadh sibh
uiread ri so a thoirt fainear, agus a radh an
taobh astigh dhibh fèin, Ciod, am bi mi toilichte

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence