Skip to main content

‹‹‹ prev (89) Page 87Page 87

(91) next ››› Page 89Page 89

(90) Page 88 -
88 OSNAIDHEAN BHO IFRINN,
agus le baraìl mu dhèibhinn nithe Dhè, gun
fhior chunihachd agus bheatha nan nithe sin.
7. Cuimhnich cionnus a rinn thu, 'nuair a
bha thu air do chomhairleachadh gu iompach-
adh, gu'n chuir thu iompachadh, agus aith-
reachas uat gu àm eile.
8. Cuimhnich cìonnus a rinn thu mealladh
aig a leithid do dh-àm, a rinn thu breug aig a
leithid do dh'àm a char thu do choimhearsnach
aig aleithid do dh'àm, a rinn thu fanaid, magadh,
beumadh, fuath a thoirt, agus geur-leanmh-
uinn air pobull Dhè, aig a leithid do dh'àm,
ann a leithid do dh'àite, am measg a leithid do
chuideachd.
9. Cuimhnich 'nuair a thàinig muinntir
eile cruinn ann an eagal an Tighearna ga
iarraidh gu 'n robh thusa air coinneachadh
comhla' ri cuideachd dochompanaichdhiomham
gu peacachadh 'na aghaidh ; 'nuair a bha
na naoimh ag ìirnaigh, bha thusa a.' mionachadh,
SL mallachadh ; am feadh a bha iadsan a' labb-
airt math mu ainm Dhe, bha thusa a labhairt
uilc mu naoimhDhe. Uaithe sinbithidhcuimhne
theth-loisgeach agad air t'uile smuaintean,
bhriathran agus ghniomharran peacach, o'n
dearbh cheud aon gus an aon mu dheireadh
dhiù a rinn thu riamh a chionntachadh an
àm do bheatha uile: an uair sin gheibh thu a
sgriobtur sin a bhi fior (Deut. xxviii. 65 — 67),
"Bheir an Tighearn dhut an sin cridhe
gealtach agus fàilneachadh shàl, agusdoilgheas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence