Skip to main content

‹‹‹ prev (84) Page 82Page 82

(86) next ››› Page 84Page 84

(85) Page 83 -
NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 83
stad, Cha'n fhuirìch an Tighearna do ghnà *na*
thosd,ach cronaichidh e thu, agus cuiridh e do
pheacannan ann an òrdugh fa chomhair do
shùl. O a pheacaich ! cuirldh, agus bithidh
do theanga, cuideachd maille ris a' chud eil'e
dod' bhallaibh air an cràdh air son peacachadh.
Agus tha mi *g ràdh, gu 'm beil mi dearbh-
chinnteach as, ged tha so air a chuir gu
h-aotrom an dràsta', gidheadh tha 'n t-àra
a' tighinn, 'nuair a bhios aithreachas air
iomadh anam bochd air son an latha anns na
labhaìr iad riamh le*n teangaibh. Och, their
aon, gu 'n dearmadain-sa mo theanga cho
mòr ! Och nachann d, bha mi, 'nuair a
thuirt mi mar so 's mar sud, air mo theanga
ghearradh asam ! Nach ann a bha mi air
mo bhreith gun teanga ; mo theanga ! mb
theanga ! beagan uisge gu fuarachadh mo
theanga, oir tha mi air mo ro-phianadh anns
an lasair so ; eadhon an lasair sin a chum an
tug mo theanga mi maille ri càch de mo
bhuille le peacachadh. Leigidh anmannan
bochda an dràsta le 'n teangaibh rud sam bith
a radh air son buannachd bheag, air son dà-
sgillinn na trì-sgilìinn do bhuannachd. Ach o
ciod an cràdh a bheir sin aig an latha ud, 'nuair
is èigin daibhsan, cuideachd mailie ra'n teaiigan
pian fhulang air son an ni sin a rinn iad
\e 'n teangaibh am feadh a bha iad anns an
t-saoghal so ! Ma ta, sibhse tha a' gràdhach-
adh 'ur n-anmannan, seallaibh ri bhur teangan,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence