Skip to main content

‹‹‹ prev (73) Page 71Page 71

(75) next ››› Page 73Page 73

(74) Page 72 -
72 OSNAIDHEAN BHO IFRINN
mi air mo ro-pliianadh anns an lasair so/'
Faodaidh na briathran so, ** Athair Abra-
haim," a bhi rudeiginn deacair ra'n
tuigsinn, theagamh gu'm faod cuid a
smuaineachadh gum bèil iad a' ciallachadh
Abrahaim, agus iad-san, no e-san a ta giaodh-
ach a mach an so, a bhi ciallachadh nan
ludhach. No theagamh gu 'm faod cuid
a shaoilsinn e bhi ciallachadh Dhè no
losa Criosd a mhac, neach a tha mise a
saoilsinn ris am beil-sa' glaodhaich an so ;
air son gu 'm beil thu a faotainn an glaodh
cheudna ris, mar gu 'm biodh e air a labhairt
a mach leis na h-ain-diadhaich ann an àitean
eile do 'n sgriobtur ; mar an Luc. xiii. 25,
26. '' An sin toisichidh sibh air a ràdh, A
thighearn, a Thighearn dh'ith sinn agus
dh'òl sinn a' d' làthair, agus theagaisg thu 'n-ar
sràidibh." Cha n-e sin a mliàin ach tuilleadh,
*' r^nn a t'ainmsa thilg sinn a mach deamhnan,
agus ann a t'ainm-sa rinn sinne iomadh obair
iongantach," Thachair so dìreach aig àm an
diiìltaidh. Agus a rithist, ann am Mat. xxv. 11,
tha iad a' glaodhaich ri losa, ** A Thighearn, a
Thighearna, fosgail dhuinne." Agus tha e ann
an sin a rithist a' toirt an diùltaidh dhaibh, mar
anns an t-sàmhla so. Ach cia-sam-bith, no co-
sam-bith, an t-Abraham a th' ann, gidheadh
faodaidh na f ìrinnean so a bhi air an toirt
fainear o na briathran ;
1. Gu'n iarr a' mhuinntir dhamnaite, 'nuair a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence