Skip to main content

‹‹‹ prev (67) Page 65Page 65

(69) next ››› Page 67Page 67

(68) Page 66 -
66 OSNAIDHEAN BHO IFRTNN,
^hlaodh e agiis thubhairt e, Athair Abrahaim,
(lean tròcair orm/
O na facail, *' Agus ghlaodh e*' faodaidh sinn
a thoirt fainear, air tùs, ciod an caochla
a bhios air na h-aìn-diadhaich, 'nuaira thig iad
do dh' ifrinn : " ghlaodh e :" tha e coltach gu 'n
robh e ri gàireachdaich, ri sììgradh, ri fanaid,
ri òl, ri atharais, ri mionnan, ri guidheachan, ri
glagaireachd, agus ri geur-leanmhuinn nam
inuinntir dhiadhaidh 'n a shoirbheachadh, am
nieasg a chòmpanach salach : ach a nise tha
chor air dhòigh eile ; a nise tha e ann am fonn
eile, a nise tha 'ghiùlan uaimhreach^ iargalt,
air tighinn a nuas ; " Agus ghlaodh e." Cha
mhair gàireachdaich nan aingidh doghnà, ach
crìochnachaidh e gu cinnteach ann an gul ; '* Is
gearr caithream nan aingidh/' (lob, xx. 5.)
Thugaibh fainear, feumaidh sibh atharrachadh
an dara cuid an so no ann an ifrinn. Mur bi
sibh n-'ur creutairean nuadh,'n-'ur muinntir air
bhur n ath bhreith, n-ur naoidheanan air bhur
n-ùr-bhreith anns an t-saoghal so ; mu*n triall
sibh às, bithidh bhur ceòl air a chaochla,
bithidh bhur còr air a chaochla oir ma thèid
sibh do dh'ifrinn, feumaidh sibh glaodhach.
O ! na'n deanadh na misgearan òranach, 'nuair
a tha iad subhach air suidheachan na misge,
uiread a's smaointeachadh air so, bheireadh e
orra an ceòl a chaochla agus glaodhach. Ciod
a ni mi ? C' àit* an tèid mi 'nuair a gheibh mi
bàs ? Acb mar a thuirt mi roimhe, an diabhol,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence