Skip to main content

‹‹‹ prev (59) Page 57Page 57

(61) next ››› Page 59Page 59

(60) Page 58 -
58 OSNAIDHEAN BHO IFRINN,
naigheachd mhath a thàinig a chum an
t-saoghail le bàs Chriosd air son pheacach.
Agus tuigidh tusa gu deimhin gur e so
inntinn an Spioraid, ma choimeasas tu e
ri Isa. liii. 1. Far am beil e a' labhairt mu
dhaoine a bhi a' tionndadh an culthaobh air
tairgsean gràis Dhè anns an t-soisgeuì, a' deìr
e, '' Cò a chreid ar teachdaireachd ? no an
soìsgeul a chuireadh an cèill leinne ?'* Nise
bithidh so 'na phianadh cumhachdach do 'na
h-ain-diadhaich, 'nuair a thuigeas iad gu 'n
robh mathas Dhè cho mòr, 's gu 'n do chuir e
eadhon a Mhac a maph à 'uchd gu bàsachadh
air son pheacach, agus gidheadh gu 'm biodh
iadsan cho amaideach sa chuir uapa, aon gu
aoneile, gu'm biodh iad cho amaideach is gu'n
cailleadh iad nèamh, agus Criosd, agus beatha
shìorruidh ann an glòir, air son comunn cuid-
eachd mhisgearan : gu'n cailleadh iad an anmann-
an airsonbeagan sùgraidh, air son an t-saoghail
so, air son strìopaich, air son sin a ta ni's
aotrom' na faoineachd agus neo-ni ; tha mi 'g
ràdh bithidh so *na phianadh no mhòr dhutsa.
4. Is e earran eile dhe do phianadh e so ; chì
thu do chàirdean, do luchd-eòlais, do choimh-
earsnaich : cha n-e sin a mhàin ach faodaidh e
bhith t'athair, do rahàthair, do bhean, t' f hear-
pòsta, do chlann, do bhràthair, do phiuthar,
còmhla' ri muinntir eile ann an rìoghachd
nèimh agus tu-fèin air do thilgeadh a mach,
'* An sin bithibh gul agus giosgan f hiacal,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence