Skip to main content

‹‹‹ prev (7) Page 5Page 5

(9) next ››› Page 7Page 7

(8) Page 6 -
6
an oidhche. Cha neil ùin sam bith aca gu smuanachadh
mu shaoghal eile. Cha là fois eadhon sàbaid naomh an
Tighearna dhoibhsan. Cha'n àill leo an cridhe a thionnda
o'n t-saoghal car aon uair; no, ma tharlas do 'n corpaibh
bhi car uair ann an tigh-aoraidh, tha 'n cridheachan agus
an anamaibh aig gnothuichibh an t-saoghaiì. Leis a lethid
so do dhichioll agus do shaothair 's glè chosmhuil, gu 'm
buìthinn aid an ni air am bheil aid an tòir. Bithidh an
tuarasdal aca, Ged nach buithinn aid an saoghal gu h-iom-
lan, tha e comasach mòran tuille a shealbhacha dheth na
dh' fhèumar a chum gach anmiann feolmhor a shàsacha', co
fad 'sa tha e comasach an sàsachadh. Ach na dhèidh so
gu lèir, càit am bheil a bhuannachd an uair a dh'iarras Dia
an anam uatha? Feudai' sin a bhi gu h-aithghearr. Bith-
idh e ann an uair nach saoil aid. Feudai' e bhi air an
oidhche so fein — air an uair so. A lèughadair smuainich
na 'm bè so do chorsa, ciod, an sin, a bhuannachd a bhiodh
ann do shaibhreas uile? Ciod, an sin, b' urrinn an saoghal
a dheanamh dhuit, ged bu l'eat e uiìe? Tha t-anam caillte,
an sin tha 'n t-iomlan caillte, agus caillte gu siorruidh.
Smuainich air na nithe so mum bi e tuille is anmoch.
Cha neil e comasach dhuit seirbhis a dheanamh do Dhia
agus do Mhamon. Ma 's e Mamon do roghain, cha neil
teagamh nach dean thu seirbhis dà, agUs am feadh a thoilich-
eas tu do choguis le coslas diadhachd, cuiridh tu cùl ri
seirbhis an Dia fhior. Ach am bheil Mamon comasach air
do shaoradh? 'Nuair a ghairmeas tu air ann an là do
thrìoblaid am freagar e thu? An cuidich e leat a»n an uair
a bhàis, no 'n saor e t-anam? Tha fios agad nach saor, —
nach comasàch e, oir cha Dia e. Ach tha aig an Dia fhior
-gach cumhachd air nèamh agus air talamh: an Dia sin, a
tha thusa cur càl ri sheirbhis, a rinn thu a lagh a bhris-
teadh, agus tha thu cur cùl ri shoisgeul, mar ni neo-airidh
air do thlachd, ameasg nithe a tha thusa meas gu mòr n'is
cudthromaiche: tha esan comasach air saoradh agus air
sgrios: tha e comasach air thusa shaoradh ma thig thu d'a
ionnsuidh trìd Iosa Criosd mu 'm bi e tuille 's anmoch: ach
ma leagas tu là na slàinte seachad, sgriosaidh e thu le sgrios
siorruidh. " Is e nis an t-àm taitneach 'se 'n diu ià na
slàinte."
Cha neil na nithe so air an cur an cèill amhàin dhoibhsan
a tha saibhir, no a tha stri ri bhi saibhir. Tha iad co freag-
arach do gach aon aig am bheil a chridhe suidhichte air an
t-saoghal, no, air an tomhas a tha e sealbhacha dheth, ma
tha e beag no mòr. Tha daoine saibhir anns an t-saoghal
agus daoine bochda, daoine struidheasach agus daoine

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence