Skip to main content

‹‹‹ prev (5) Page 3Page 3

(7) next ››› Page 5Page 5

(6) Page 4 -
4
a chur leis an Athair, agus, an uair a thoisich e ag àm air
bith air ìabhairt mu ghnothuichibh Athair, 's ann mar ri
daoine caillte a labhair e ri peacachaibh. " Chuireadh
mise," deir e, " chum caoraich chaillte tighe Israel."
" Thainig mise" (oir bu Teachdaire toileach Criosd) " cha
'n ann a ghairm nam fìrean ach nam peacach a chum aith-
reaehais." Rinn na Scriobhuichean agus na Phairisich
gearran 'na aghaidh, ag radh, " Tha'n duine so a gabhail
pheacaich do ionnsuidh, agus ag itheadh maille riu." Ghabh
Criosd ri so mar fhìrinn, gu h-ealamh agus dh'fhìrinnich se
e fein anns an ni a bha e deanamh le cosmhalachd na caor-
ach caiìlte, a bhuinn airgid, agus a Mhic struidheil. Lucas
xv. Mar gu'n abradh e, 'se mo gnothuich àirid-sa peac-
aich shirreadh* amach agus gabhail riù. C'àite am bu
ehòir do fhear-teagaisg a bhi ach arneasg nan aineolach —
do leigh a bhi, ach ameasg nan daoine tinne — do fhear-
saoraidh a bhi, ach ameasg nam muinntir chaillte? Air dha
obair a chriochnachadh air thalamh trid a bheath a leagadh
sios arson a chaorach caill'te,— r dhèirich e o na marbhaibh,
agus thug e ùghdaras d'a abstolaibh gu dol feadh an t-sao-
ghail gu h-iomlan agus an soisgeul a shearmonacha do gach
dùil,f a' gealltuinn ge be chreicìeadh gu 'm biodh aid air
an saoradh.
Am feadh a tha aig na peacaich a thig dh'ionnsuidh
Chriosd, gach ni a chaill aid air a làn aisig dhoibh annsan:
'sèigin dhoibhsan leis nach àillteachd da ionnsuidh buanach-
adh mar a tha aid, 'n an staid chaillte. Cha neil aid a
mochachail 'san àm ta làthair, air am fior staid, ach tha 'n
t-àm a' teachd anns am bi e neo-chomasach dhoibh buan-
achadh ann an aineolas air. Nuair chur Criosd a cheist,
" Ciod a bhuannachd a ta ann do dhuine, ge do chosnadh
e an saoghal uile, agus anam fein a chall?" — cha be call
dhaoine 's an àm a ta làthair amhàin a bh'aig na bheachd,
ach gu h-àirid call siorruidh nan uile a dhùilteadh èisdeachd
ris, agus a bhi umhaì dhà. Bheir iadsan uile leagas do là
na slàinte dhol seachad, agus gheibh bàs nam peacanaibh,
call orra fein a bhitheas neo-chriochnichte agus do-Ieas-
aichte, — eadhon calldach siorruidh an anma fein. Càit an
sin am bheil am buannachd ged do chosnadh iad an saoghàl
tiile?
A Leughadair, tha a cheist so air a cur riutsa. Is ni
cinnteach e, gu bheil anam neo bhàsmhor agad; agus co
cinnteach, gun chailleadh e a thaobh a pheacaidh; tha e
cinnteach mar an ceudna gun d'thainig Criosd a shirreadh
* Iarraidh. f Creutair.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence