Skip to main content

‹‹‹ prev (5) Page 3Page 3

(7) next ››› Page 5Page 5

(6) Page 4 -
( 4 )
Isa. xl.12 — 15. Hab. iii. 3 — 6. Salm. cxxxix. 1 — 12.
Tais. iv. 8. Caib. xv. 4. Salm. lxxxix. 14. Tais.
xv. 3. Exod. xxxiv. 6, 7. Eph. ii. 4, 5. 1 Eoin
v. 7. Math. xxviii. 19. 2 Cor. 'xiii. 14.
MU THIMCHIOLL FREASDAIL DE.
Beannuichte gu robh ainm Dhia gu saoghal nan
saoghal : oir is V esan gliocas agus cumhachd. Agus
atharraichidh e na h amanna, agus na h aim-sirean :
atharraichidh e righrean, agus cuiridh e suas righrean :
bheir gliocas do 'n ghlic, agus eolas dhoibhsan d' an
aithne tuigse. Foi'llsichidh e na nithe domhain agus.
diomhair: is aithne dha ciod a tha san dorchadas,
agus tha an solus a chomhnuidh maille ris. Thugaibh
fanear na fithich : oir ni 'm bheil iadsan a cuir no
buain ; cha 'n 'eil aca tigh stor no sabhal ; agus ata
Dia ga m beathacha : Cia mor is fearr sibhse na na
h eunlaith ? Agus co agaibh le ro-churam is urra aon
bhann lamh- a chuir r' a airde fein ? Mur 'eil sibh
uime sin comasach air a ni is lugha a dheanamh
carson ata sibh gabhail ro churam do nithibh eile ?
Thugaibh fanear na lilighean cionnas ata iad a fas ;
cha 'n 'eil iad a saothracha, no a sniomh : gidheadh
a deirim ribh, nach robh Solamh fein na ghloir uile,
air a sgeudachadh mar aon diubh so. Agus ma ta
Dia mar sin a sgeudachadh an fheoir, ata an diugh sa
mhachair, agus a marach air athilgeadh san amhuinn :
nach mor is mo a sgeudaichease sibhse, O dhaione air
bheag creideimh. Gidheadh, cha d' fhag se e fein
gun fhianuis, a' deanamh maitheas, agus a toirt
dhuinne feurthuinn o neamh, agus aimsir tarbhach, a
lionadh ar criodheacha le biadh agus le subhachas.
Nach 'eil dà ghealbhonn air an reiceadh air fheoir-
ling ? agus ni 'n tuit aon aca air an talamh as eugmhais
freasdail bhur n Atharsa. Ach ata eadhon ftulteine
bhur cinn uil' air an aireamh. — Dan. ii. 20 — 22. Luc.
xii. 24 — 28. Gniomh. xiv. 17. Math. x. 29, 30.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence