Skip to main content

‹‹‹ prev (74) Page 74Page 74

(76) next ››› Page 76Page 76

(75) Page 75 -
75
suchudh mu shlainte shiorruidh cloinne air bith a tha
basachadh nan naoidheanachd, na chuir an ceill nach-
'eil iad sin uile ann an coimh-cheangal nan gras; gidh-
eadh, ged fhaod sinn a bhi toileach an t-iomlan a
thoirt a suas a b'urrainn neach sam bith a mhiannach-
adh air a phuinc so, chuireamaid gu tulchuiseach an
aghaìdh a h-aon da'n leithidibh sin do naoidheana a
bhaisteadb, direach mar a chuireamaid an aghaidh an
timchioll-ghearradh, nam biomaid air a bhi ann fuidh
na frithealaidh a bha ann roimhe, oir am feadh a bha
na ceart nithe ceudna seasamh fior a thaobh naoidh-
eana luchd-iodhoil-aoraidh ann an laithibh Abrahaim
agus Mhaois, is a tha seasamh fior a thaobh naoidh-
eana ana-creideach san am a ta lathair, gidheadh cha
robh a h-aon da 'n leithidibh sin do chloinn air an tim-
chioll-ghearradh roimhe so; agus do bhrigh gur e'n
coimh-cheangal ceudna tha ann, cha bu choir do dh'-
aon da'n leithidibh sin a leanaban a bhi nis air am
baisteadh, gidheadh, rinn a bhi 'g aideachadh roimhe le
timchioll-ghearradh, agus a bhi ris a nis le baisteadh
an ceangaLeaglais aig clann sluagh Dhe an samhluch-
adh a tha eadar rioghachd Dhe air thalamh agus ann
an gloir a lan chumail a suas, agus cha deachaidh fhul-
ang do chcslas faicsinneach na rioghachd neo-fhaic-
sinneach sin, a bhi air fhoillseachadh gu tur eu-cos-
mhuil ri ciod a tha e ann am firinn."
Mar so, tha'n tosd buileach a tha Scriobtuirean an
t-Seann Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh a
gnaihuchadh a thaobh druideadh a mach clann nan
creideach o'n eaglais; a ghnuis na an t-aontachadh
soiileir, a tha faidhean agus abstoil, agus Criosd fein a
toirt airson gu'm biodh iad innte, an nadur coitchionn
agus fìlìte aig aithne an Tighearna da abstolaibh gu
deisciobuil a dheanamh do na cinnich agus am baist-
eadh ; agus an doigh air an d' thug iad umhlachd do'n
aithne so; maille ris an ni a tha fagail soilleir clann a
bhi air am filleadh anns na h-uiie taisbeanadh o'n
scriobtuir a tha againn mu eaglais an t-soisgeil mar
rioghachd Mhesiais; tl^so uile a daighneachadh agus
a neartuchadh a bheacC^p thug sinn air a cheangal

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence