Skip to main content

‹‹‹ prev (67) Page 67Page 67

(69) next ››› Page 69Page 69

(68) Page 68 -
68
do thimchioll-ghearr na h-Iudhaich an iompachain an
toiseach, agus na dheigh sin deisciobuil a dheanamh
dhiu — rinn iad an toiseach deisciobuil do dhaoinibh do
chinnich eile le'n teagasg, agus 'nuair a rinn iad sin a
leithid do dh'aideachadh air a chreidimh fhior sa bha
san am sin air iarruidh, timchioll-ghearr siad iad maille
ra'n teaghlaichibh; is e sin, maille ra'n gineil uile a
thainig gu h-aois agus an seirbhaisich a' rinn aidmheil
iomchuidh air a chreidimh, agus mar an ceudna an
naoidheana. Bhiodh e co mi-chothromach a radh,
fuidh na frithealaidh roimhe, " Imichibhse, timchioll-
ghearraibh agus deanaibh deisciobuil,' , is a bhiodh e
radh a nis, " Imichibh-se, baistibh agus deanaibh deis-
ciobuil." Agus na'm biodh cainnt iomchuidh a'g iarr-
uidh, " Imichibse, deanaibh deisciobuil agus timchioll-
ghearraibh," fuidii linn Abrahaim agus Mhaois, 'nuair
a bha clann gu bhi air an timchioll-ghearradh, cia mar
is urrainn " Imichibhse, deanaibh deisciobaii agus baist-
ibh," fuidh linn Mhesiais, le mineachadh cothromach,
soilleir, na ceart air bith, a bhi air a thoirt gu clann nan
creideach a dhruideadh a mach o bhaisteadh ?
Ach is tric a bha e air a thoirt air aghaidh, gun do
thimchioll-ghearr Abraham " uile dhaoine a thighe, a
rugadh na thigh, agus a cheannachadh le h-airgiod o
choigreach;" agus uime sin, air do cheannard tighe aid-
mheil a dheanamh, ma thainig am baisteadh an aite an
timchili-ghearraidh, gur coir dhuinn a fhrithealadh
anns an doigh choitchionn cheudna. Agus carson nach
fritheil, ma tha leithid dh' aidmheil air creidimh air a
dheanamh ìe muinntir a thainig gu h-aois a rugadh san
tigh, na le traillibh a cheannachadh le airgiod maigh-
stir an teaghlaich is a tha nis air iarruidh ? Tha fhios
againn gu'n d' thug Abhraham aithne cha'n'e mhain
da chloinn, ach mar an ceudna do mhuinntir a theagh-
lach uile na dheigh, agus gun do ghieidh iadsan siighe
an Tighearna, na gun d'rinn iad a leithid sin do dh'-
aideachadh o'n leth a muigh air a chreidimh, is a thug
coir dhoibh air ordugh an timchìli-ghearraidh. Bha
eagalan De fhior air Abraham re uine fhada mun robh
e air a thimchioll-ghearradh, agus bha a theaghlach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence