Skip to main content

‹‹‹ prev (65) Page 65Page 65

(67) next ››› Page 67Page 67

(66) Page 66 -
7JF
briathraibh sin) " Chuir mi thu mar sholus do na Cin-
nich," a shearmonachadh an t-soisgeil do na Cinneach-
aibh. #
3. Tha ughdaras ar Tighearna da abstolaibh, 'nuair
a chuir e iad a mach a bhaisteadh, agus an doigh air
an robh iad ga chuir an gniomh a taisbeanadh gu lan
shuidhichte nach robh sliochd nan creideach air an
druideadh a mach o'n eaglais, na o bhaisteadh.
w Agus air teachd do Iosa, labhair e riu, ag radh,
Thugadh dhomhsa gach uile chumhachd air neamh
agus air talamh. Uime sin imichibhse, agus deanaibh
deisciobuil do gach uile chinneach, 'g am baisteadh
ann an ainm an Athar, agus a' Mhic, agus an Spioraid
Naoimh: A teagasg dhoibh gach uile nithe a dh'aithn'
mise dhuibh a choimhead: Agus feuch, a ta mise mailìe
ruibh a ghnath, gu deireadh an t-saoghail. Amen."
Mata xxviii. 18 — 20. Be'n t-ioghnadh e! gum biodh
so air a thoirt fainear mar na briathran aig an druid-
eadh a mach, a thaobh naoidheana. Ni 'm bheil fir,
na mnathan, na clann, an so air leth air an ainmeach-
adh: oir tha cinnich air an deanamh a suas do chloinn
co maith ri muinntir a thainig gu h-aois. A nis, cia
mar a bha na h-abstoil gu deisciobuil a dheanamh do
na h-ui!e — am moran chinneach a bha mu thimchioll a
bhi air am beannuchadh ann an Abhraham? Gu cinn-
teach anns an doigh a bha air a chleachduinn fad linn-
tinn; na ma bha atharachadh sam bith gu aite ghabh-
aii, anns an doigh air deisciobuil a dheanamh do
dhaoinibh. na nan cuir ris an eaglais, carson nach robh
e air ainmeachadh ? Nam b'e 's gum biodh an t-ord-
ugh a ruidh mar so, "Imichibhse, uime sin, agus dean-
aibh deisciobuil do gach uile chinneach, ga'n timchioll-
ghearradh;" agus mar sin sios; co riamh a smaointich-
eadh na leithid sin do chas gun robh naoidheana air
an druideadh a mach ?f Agus carson a bhiodh e air a
smaointeachadh gu bheil ciann air an druideadh a mach
• Faicibh Rannsuchadh air Litrichibh air Baisteadh Criosdui anns an
Teachdaire Chriosdui airson mios toiseach an Earraich 1821.
f Faicibh Searmoin Bhostuich air Baisteadh Naoidheana.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence