Skip to main content

‹‹‹ prev (60) Page 60Page 60

(62) next ››› Page 62Page 62

(61) Page 61 -
61
an Tighearna do Dhia dhuit; a chum gu'm buanaichear
do laithean, agus gu'n eirich gu maith dhuit san f hear-
ann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit," Deut, v. 16.
nach robh e cialluchadh ach clann air fas suas agus air
teachd gu h-aois, agus ni h-iad clann o cheud f hosg-
ladh na tuigse agus os a chionn. Mar'eil sinn gu bhi
tuigsinn clann o cheud fhosgladh na tuigse agus os a
chionn, gu bhi air an cumail amach anns an earr-
ann a thugadh air a h-aghaidh o'n litir chum nan Eph-
esianach, ni mo is urrainn-e bhi air fheuchainn gu'm
bheil sinn gu bhi tuigsinn an leithidibh sin do chloinn
anns na h-earrannaibh a thugadh air an aghaidh o'n
t-Seann Tiomnadh, Ach cha chuir a h-aon sam bith
ann an teagamh nach iad an Jeithidibh sin do chloinn a
tha air an cumaii a mach anns na h-earrannaibh a thug-
adh air an aghaidh o'n t-Seann Tiomnadh; ni mo,
uime sin, a bu choir do neach sam bith teagamh a chuir
ann nach iad an leithidibh sin do chloinn a tha air an
cumail a mach anns an earrainn a thugadh air a h-
aghaidh o'n Tiomnadh Nuadh.
Ach faodaidh e bhi air a radh, ged a dh'aontaichear
leis gur iad clann o cheud f hosgladh na tuigse agus os
a chionn a tha air an cumail a mach le Pol na litir
chum nan Ephesianach, ciod a tha aige so ri dheanamh
ris a ghnothach ? cia mar a tha e comhdach gun robh
a chlann sin air am baisteadh ? Tha na h-uile ni aige
ra dheanamh ris a ghnothuch, agus tha e comhdach co
soilleir gun robh iad air am baisteadh, is a tha iomradh
air am parantaibh anns an litir sin a comhdach gun
robh iadsan air am baisteadh; ni bheil e na phuinc a
tha air a chuir an teagamh, gum bheil coir aig buill
eaglaisean a bhi air am baisteadh, agus, uime sin, tha
dearjbhadh air a chloinn sin a bhi nam buili na dhearbh-
adh air an coir air baisteadh, agus gun robh iad air am
baisteadh. — Gidheadh, cha b'e baisteadh an t-aobhar
air iad a bhi nam buill, ni air bith tuilleadh na bha'n
timchioll-ghearradh na aobhar air naoidheana nan
creideach a bhi nam buill san eaglais fuidh linn an t-
Seann Tiomnaidh. Cha d'rinn an timchioll-ghearradh
an leithide sin do naoidheana nam buili ; ach do bhrigh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence