Skip to main content

‹‹‹ prev (57) Page 57Page 57

(59) next ››› Page 59Page 59

(58) Page 58 -
58
ibh umhal d'ar parantaibh fein san Tighearn : oir a ta
so ceart. Thoir onoir do t'athair agus do d'mhathair,
(is i so a cheud aithne le gealladh.) Chum gun
eirich gu maith dhuìt, agus gu'm bi thu fad-shaoghalach
air an talamh. Agus aithriche, na brosnaichibh bhur
clann chum feirge ; ach togaibh iad ann an oilein agus
ann an teagasg an Tighearna." Ephes. vi. 1 — 5. A
nis bha'n litir so air a scriobhadh, cha b'ann chum
luchd-aiteachaidh rioghachd, na ducha, na baile, air
fad ; ach a chum nam fearaibh agus nam mnaibh, nam
parantaibh agus na cloinne, agus nam maighstiribh agus
nan seirbhaiseach a bha deanamh a suas eaglais
Chriosd ann am baile Ephesuis — agus cha b'ann chum
aon neach eile. Dh' fhaodamaid co luath suil a bhi
againn earail fhaotainn a dh'aon ghnothuch chum Phap-
anach, Mhahometanach, Hinduich, agus luchd-ait-
eachaidh China anns an litir so, ri aon do chloinn, mar
biodh a chlann sin air an aideachadh nam buill do'n
eaglais. — Ach 'nuair a tha daoine air an teannachadh
ìe teanntachdaibh na riaghaiìt aca, tha e iongantach na
h-ioraltan gus an d'theid iad, chum neart na iianuis is
ìaidire agus is ro shoilleire a chur a thaoibh. A reir so,
tha na Baistich a cathuchadh gu'm bu chlann chreid-
each iad air tighin gu h-aois, a chlann a bha air an
earalachadh an so, comasach air seolaidhean an abstoii
a thugsinn, air dhoigh eile nach scriobhadh e gan
ionnsuidh, agus nam biodh so air aontachadh leis an sin
nach robh ni sam bith anns an earrainn gu cathachadh
an aghaidh am beachdannaibh nan cleachduinn, a
chionn gun robh iad a'g aideachadh coir nan uile
chloinne bha creidsinn air a bhi nam buill do'n eaglais.
Anis, mu'n earrainn so thugaibh fainear,
1. Nach'eil an t-abstoi a toirt an so an iomraidh is
Jugha air eadar-dhealuchadh a bhi eadar cuid do chlann
nam paranian a bha nam buiil do'n eaglais a bha ann
an Ephesus, agus a chiud eile da'n cioinn; ach ga'n
earaiachadh ann am briathraibh coitchionn, na leithid do
dhoigh is gu beachd a thoirt do neach sam bith nach'-
eil air a chuibhreachadh le barail air a h-altrum roimh
laimh, gun robh e cialluchadh an iomlain do'n chloinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence