Skip to main content

‹‹‹ prev (48) Page 48Page 48

(50) next ››› Page 50Page 50

(49) Page 49 -
49
bha ceangailte ris an eaglais, agus iomchuidh airson
fhaotainn — agus is amhuil a tha'm baisteadh: Ach cha
d'rinn a bhi dheasbhuidh an timchioll-ghearraidh
sliochd nan creideach nach robh iomchuidh air f haot-
ainn, a dhruideadh a mach o bheannachdaibh coimh-
cheangail Abrahaim, ni air bith na 's mo na tha bhi as
eugmhais a bhaistidh a druideadh a mach sliochd nan
creideach roimh am breith (a tha neo-chomasach air
fhaotainn) o choir a bhi aca ann am beannachdaibh a
choimh-cheangaii sin. Ni mo a rinn an timchioll-
ghearradh, na ni am baisteadh tairbhe sam bitb, gun
chreidimh, ath-ghineamhuin, agus naomhachd. — Deut.
xxix. 13. Rom, ix. 9 — 13. Eoin iii. 5 — 7. viii. 24.
Gniomh. viii. 13, 18—24. Rom. ii. 25—29. 1 Cor. vii.
19. Gai. v. 6. Eabh. xii; 14.
4. Bha 'n timchioll-ghearradh gun amharus air a
cheangal ri tiodhlac na h-oighreachd thalmhak'h; ach
bha e na thiodhlac air an oighreachd spioradail mar an
ceudna^iv na beannachdaibh a chaidh a ghealltuinn do
"fhireantachd a chreidimh:" — agus ris a choimh-chean-
gal cheudna 9 a tha deanamh daingean do chreidich
beannachdan aimsireil co maith ri beannachdan spior-
adail, tha baisteadh air a cheangal. — Gin. xvii. 7, 8.
Rom. iv. 11— 13. viii. 32. I Cor. ii. 21— 23. 1 Thim.
iv. 8. Gal. iii. 26—29.
5. Chomharaich timchioll-ghearradh an dream da 'n
d'thugadh e mar a chuibhrionn fhaicsinneach aig Dia;
chum e mach doigh an saorsa o mhalluchadh an lagha,
tre fireantachd a chreidimh ; agus chuir e fuidh fhiach-
aibh iad gu earbsa a chuir anns an iomlan do na geall-
annaibh agus an creidsinn agus an coimhead gu dur-
achdach an t-iomlan do na reachdaibh agus do na h-
orduigibh ann an lagh nam modhanna agus nan deas-
ghnath a bha ann an cleachduinn, re na h-uine a
bhuanaich e na chomhara agus na sheula coimh-chean-
gal an t-soisgeil; — ni nan deanadh iad, bha iad ann am
firinn air am fireanachadh agus air an saoradh o dhit-
eadh: — Agus tha baisteadh a comharachadh na dream
da'm bheil e air a fhrithealadh mar a chuibhrionn
f haicsinneach aig Dia ; a cumail a mach doigh an saor-
E

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence