Skip to main content

‹‹‹ prev (30) Page 30Page 30

(32) next ››› Page 32Page 32

(31) Page 31 -
31
bha'n so ris a phriomh-athair, agus ra shliochd nadurra,
carson a dh'atharaicheadh ainm o Abram gu Abraham?
Carson a thugadh ainm dha, a tha buileach neo-fhreag-
arach do leithid do choi'-cheangal, agus na chomharadh
air ni nach robh e runachadh na freagarach gu chial-
luchadh ? Nach'eil e da rireadh tuaitheal, nach'eil e
amaideach anns an tomhas is airde, so a chumail amach
mar choi'-cheangal ducha, na cinnich ; agus uaithe sin
beachduchadh air Dia mar gun abradh e ri Abram ;
feuch tha mo choi'-cheangal riutsa, agus uime sin cha
chialluich t-ainm na's mo athair chinneach, ach athair
mhorain chinneach ! ! ! Cha bhiodh e comasach, le
shaoilsinn gur coi'-cheangal ducha na cinnich a bha
ann, ainm a chomharachadh amach a b' fhaide o bhi
freagarach. Nam be ainm a phriomh-athair o thoiseach
Abraham, agus nan deanadh Dia coi'-cheangal ducha
na cinnich a mhain ris, an sin chitheamaid co deas agus
co freagarach sa bhiodh ainm atharachadh gu Abram.
Ach gu dhearbhadh gun d'atharaich Dia ainm o Abram
gu Abraham, airson a leithid sin do choi'-cheangal,
cha'n'eil e na's mo na na's lugha na radh, gun d'thug
Dia dha ainm a cialluchadh ceart-atharach brigh a choi'-
cheangail: ann an canain shoilleir, a cialluchadh breige !
Ach biodh Dia fior, agus gach duine a ghabhas do
dhanadas cuir na aghaidh-san na bhreugaire.
Cha d'thug e do'n phriomh-athair ainm a cialluch-
adh breige, ach na firinn, agus a freagairt do bhrigh a
choi'-cheangail a rinn e ris, ni a b'e, annad-sa beann-
aichear uile theaghlaiche na talmhainn," agus anns a
bheachd so bha e sonruichte deas a radh, " Agus ni 'n
toirear a so a mach Abram mar ainm ort, ach bithidh
Abraham agad mar ainm ; oir rinn mi thu a' t' athair
mhorain chinneach:" Cha'n'eil an t-abstol Pola'g
amharc air a phriomh-athair leis an ainm Abraham, na
"athair mhorain chinneach," airson coi'-cheangal ducha
na cinnich, ach airson coi'-cheangaì an t-soisgeil a bha
air a dheanamh ris. — " Uime sin is ann o chreidimh a
ta'n oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghras : chum
gum biodh an gealladh daingean do'n t-siol uile, ni h-
ann amhain dhoibhsan, a bhuineas do 'n lagh, ach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence