Skip to main content

‹‹‹ prev (12) Page 12Page 12

(14) next ››› Page 14Page 14

(13) Page 13 -
13
Tha earrann shonruichte dh'ionnsuidh am bheil na
Baistich a dol a dhearbhadh gur e'n tumadh an doigh
a tha reir na firinn, far am bheil e air a radh, " Air an
aobhar sin dh'adhlaiceadh sinn maraon ris tre'n bhais-
teadh chum bais :" A nis tha iad a mineachadh na h-
earrainn direach a reir na litireach, nuair a tha iad a
gabhail beachd spioradail air earrann eile tha'n coimh-
cheangal rithe, a tha deanamh iomraidh air iad a bhi
Iair an ceusadh maraon ris. Ach ciod an t-ughdaras a
tha gu beachd air leth a ghabhail air an da earainn ?
( Ach is ann a tha so gu bhi air a thuigsinn o chorp
[Chriosd a bhi air ionnlaid chum adhlacaidh, agus is
ì cinnteach nach robh e air a thumadh ga ionnlaid. So
j'n doigh sam bheil samhluchadh eadare agus baisteadh,
loir cha robh Criosd air adhlacadh mar a tha daoine air
Jan adhlacadh na'r measgne; is cha robh a h-uile ni air
I a chriochnachadh ma thimchioll a reir 's mar a bha run
jorra a dheanamh, oir thainig na mnai gu moch a dh'-
ionnsuidh na h-uaighe chum 's gun ungadh iad a chorp
leis an spiosraidh a dh'ulluich iad. Mar so cha d'rinn
iad ach a chuir na luidhe seachad anns an uaigh so a
bha air a cladhach a carraig, do bhrigh gun robh i
fagus dhoibh; a reir mar a tha na soisgeulaichean ag
innseadh. Uime sin tha Eoin ag radh, " A nis bha
lios anns an ait' an do cheusadh e; agus anns an
iios uaigh nuadh, anns nach do chuireadh aon duine
riamh. Air an aobhar sin air son ulluchaidh caisge
nan Iudhach do bhrigh gu'n robh an uaigh am fagus,
chuir iad Iosa an sin :" Eoin xix. 41, 42.
Air an aobhar sin tha e air a radh gun do " ghabh
| iad corp Iosa, agus gun do cheangail iad e ann an
lion-eudaichibh, maille ris an spiosraidh, mar is gnath
leis na h-Iudhachaibh adhlac a dheanamh :" Ma bha
feum aig corp sam bith air ionnlaid, roimh adhlac, bha
feum aig a chorp san air; o'na lotaibh a rinneadh na
ìamhaibh, na chasaibh, agus na thaobh; agus is cinn-
teach nach robh e air a dhearmad leosan a chuir anns
^n lion-aodach e maile ri spiosraidh. Gun ghuth air
gun robh e air a chleachduinn gu coitchionn am measg
in t-sluaigh, mar a tha e ann an cuid do dh'aiteachaibh
B

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence