1 Faoilleach, 1919
Tràth sa mhadainn air Latha na Bliadhna Ùire ann an 1919, chaidh còrr is 200 fear a bha a’ tilleadh bhon Chogadh Mhòr a bhàthadh faisg air tìr nuair a chaidh am bàta aca, an HMY Iolaire, air na creagan aig Biastan Thuilm faisg air Cala Steòrnabhaigh.
Tro fhiosrachadh is fianais a fhuaras bhon choimhearsnachd ann an Eilean Leòdhais, agus tro nithean co-cheangailte ris na thachair a gheibhear ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, tha an làrach-lìn seo a’ toirt dhuibh sealladh air na thachair air an latha uabhasach sin. Tha seo cuideachd na àite tòiseachaidh do dhaoine a tha airson ionnsachadh mun bhuaidh a thug an tubaist air a’ choimhearsnachd aig an àm agus a tha airson fhaicinn dè ghabhas ionnsachadh san latha an-diugh bho na thachair.