Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
30
AINMEAN.
Se ainni-facal sam bith leis an ainmich sinn nì sam bith.
mar a ta òrd^ sùit, caman, prine, cas.
Tha cuid de na facail sin fearanta, agus cuìd dhiu
boireanta.* Tha ainm rud ris an abair sinn è, fearanta,
agus ainm nì ris an abair sinn ì, boireanta. Tha òrd, mar
seo, fearanta, agus siìil, boireanta.
Tha ainmean, mar an cèudna, aonarra agus iomarra.
Tha ainm aon ni aonarra ; agus, ainm a ta ciallachadh
còrr 'us aon nì, tha e iomarra ; — Is ainm aonarra òrd, is
ainm iomarra ùird; — is ainmean aonarra sùil, fiadh, prine,
màthair, — agus tba sùilean, fèidh, prìneachan, màth-
raichean,iomarra. — Tha am mùthadh seo air ainm a' nochd-
adh na h-àireimh mu bheil sinn a' labhairt. 'Nuair bhios
sinn a' labhairt mu aon ni, tha 'n t-ainm 's an àireimh
aowarra; ach,'nuair labhras sinn mu thuiUe na aon ni, no
mu ioma ni de 'n aon ainm, bi'dh an t-ainm an sin 's an
àireimh iomarYSL.
Mu'n chineal.
Chionn gu'n abair sinn e ri tarbh, bòrd, preas, fèur,
bata, — tha iad de 'n chineal fhearanta; agus chionn gu 'n
abair sinn i ri mnaoi, abhuinn, cir, poit, tha iad de'n
chineal bhoireanta. — Is tric le facail aon-smideach 's am
bi a, no w, a bhi fearanta,-|- agus leòth-san 's am bi i, a
bhi boireanta.J Tha ainmean dà-smideach do'n crioch
a, e, abh, ac, ad, al, arn, an, ar, as, us, ach, adh, art, asg,
oll, onn, ull, fearanta, ^ agus iadsan do'n crioch achd,
ead, id, ag, ap, inn, ig,il, ir, ?5,zcA,boireanta, mar is trice.||
* 'Se 'n gional, no 'n cineal, a theirear ris an dealachadh so eadar
ainm agus ainm.
f ach tha cuid dhiu boireanta, mar a ta ad, làmh, cas, gas, fras,
màg, spàg, cràg, pòg, bròg, sròn, &c.
X Ach tha cuid, dhiu fireanta, mar tha ìm, mìr, bil, &c.
§ ach tha cuid fearanta, mar tha gamhuinn, ridir, &c.
I. Mar so, caraicli, bàrd, arm, sàr, clàr, sac, cnoc, seòd fraoch, <fec,
II. car,ball,alld, alt, falt, balt, clag, balg, calg, <fec.
II ach tha cuid nach eil ; mar tha iarna, coille, dèile, àirde,
iorram, gealach, lùircach, eaiseart, daorach buidhionn, <fcc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence