Skip to main content

‹‹‹ prev (6)

(8) next ›››

(7)
FACAL
Jiis an Lèughadair.
Do bhrìgh's gu'n do chaith rai cuid mhòr de m'ùine a'
beachdachadh air càiimt nan Gàidheal, agus gu'n d'thug
aii fainear, nach robh rian no eagar ceart air aon sam
bith de na leabhrachain a chaidh, roimhe so, a chur 'an
clò, los Gàidhlig- a theagasg- d'ar lì-òigridh, — thainig
fotham, air an sgàth-san, oìrp a thoirt air duilieachan ùr
uidheamachadh, a dheanadh an treòrachadh, gu socrach,
furasda, gu mion-eòlas air litreachadh 's air lèughadh an
cainnte dùchasaich. — Tha mi 'n dòchas gu'n d' èirich mo
rahiann leam, agus gu'n dean gach fear-teagaisg toinisgeil
's an tìr, sin aideachadh gu rèith. Chì iadsan, ann am
plathadh, an dealachadh mòr a ta eadar an leabhran so,
agus a' ghnò ris ara beil iad fèin cleachdte.* Ann an so,
* Chì a' Chleir Ghàidhealach so mar an ceudna, o'n is iad a's
fèarr sealladh air cùis mar so. Agus tha mi 'n dòchas gu'n dean
iadsan an dìchioU càirdeil air an leabhran seo a mholadh do gach
sgoil fa leth a ta fo 'm beachd 's fo 'n smachd fèin feadh na tìre;
mar sin agus do na Comuinn Ghallda a ta 'còmhnadh, no a'
cumail suas sgoilean feadh na Gàidhealtachd. Cha-nurrain mise
ach mo thoil 's mo shaothair a thaisbeanadh chum feothas a chur
air fòghlum nan Gàidheal; ach aìg a' Chleir tha an comas mar an
ceudna: agus tha 'fhios agam gu'm beil mòran diubh ro dheòn-
ach air an cainnt mhàthaireil a theagasg do'n òigridh Ghàidheal-
aich, a nise, na's mion-eagarra na b'àbhaist à teagasgriabh roimhe
ilhoibh. Ma's ann de'n chèaird a' chungaidh, ma ta,— air chìnnte
mar is feotha a' chungaidh 's ann is fearr a ni am fear-cèairde a
ghnothach, agus is maisiche loinn a ghnìomha.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence