Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
Òraid do Shaighdeirean
gu'n do bheothaich E, chum na crlche so, gràdh
dùthcha oigridh ar tìre. An uair bha bagairt a'
tighinn o'n Roinn-Eorp' dh'ionnsuidh nan eileanan
so, bhiodh e 'na mhasladh air treubhantas mac
foghainteach Bhreatuinn mur a d' eirich iad mar
aon duine a dhìon an dùthaich mhàthaireil.
Tha ar tìr crioslaichte leis a' chuan. Thug
an Cruithear Mòr, a thug dhuinn ar n-àite anns
na h-uisgeachan ro-mhòr, balla thònn duinn mar
thearmunn. Ach tha e ceart gu'm biodh feachd
dhaoine ri slios nan cladaichean air a bheil onfhadh
a' chuain iaraich, agus stuadhan beucach a'
chuain thuathaich, a' bualadh. 'Se Esan a rinn
uisgeachan da chuan 'nan callaid timchioll oirnn, a
thionail r'a chèile buidheannan dh' oganach mar
shaighdeirean saor-thoileach a dhion an tir 'sa
bheil ar tàmh. Ann a bhi a' labhairt mar so, cha'n
'eil mi a' tagar gu bheil na h-uile tha 'gan tairgse
fhèin do'n t-seirbheis so, aon chuid gu tuigseach
no gu fìosrach fo bhuaidh umhlachd do thoil an
Uile-Chumhachdaich. Ach is e a làmh mhòr a
ghluais iad, agus is e aobhar mòr da-rìreadh c air
taobh an do chruinnich iad. Oir tha araon ar
Ban-Righ agus ar tìr ro-airidh air cathachadh as
an leth, agus cha b'e ach an dubh-ghealtair nach
doirtcadh fhuil gu toileach air an sgàth.
32

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence