Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
ÒRAID DO SHAIGHDEIREAN
SAOR-THOILEACH
Oraìd Ifis an Dr Ceana'uUach aig fosglaiJh Talla shaighdeirean
ann an Drocha'td A' Bhanna, GibUaii, l88o.
B'e an t-ainm a thug bhur Caiptean air a' cheud
iarrtus a chuir e thugam an Talla so fhosgladh le
òraid, " buille air an deas." Lean air sin " buille
air a' chli," a' bagradh " buille air a' bheulaobh air
fad," ma bha mi fhathasd a' diiiltadh geilleadh.
Air dhomh a bhi dh'easbhuidh a leithid a threubh-
antais 'sa choinnicheadh a' bhuille mhòr so, chuir
mi a' bhratach bhàn thuige air ball. An lorg sin
tha mi an so a dh' oidhirpicheadh a ni sin a
dheanamh a dh' iarradh orm. Tha mi an dochas
gu'n creid sibh bhuam gu'n d' thàinig mi cha'n
ann a mhàin fo eagal diùltaidh ; oir tha na's lugha
mhiann na mhisneachd agam dhol an comh-stri
r'ar saighdeirean saor-thoileach, curanta.
Tha tlachd agam anns an oidheirp saighdeirean
saor-thoileach a thogail. Tha mi a' toirt buidheach-
as Dhasan, a' làmhaibh a bheil uile chridheachan,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence