Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
Mac an Duine
urrainn domh aicheadh gu'n d' fhuarmi mach ma
, bhios mi gun Chriosd gu'm feum mi bhi dheth
gu siorruidh, ach is beag buaidh th' aig sin air m'
f haireachduinn. Tha mi cho cruaidh-chridheach-
cho marbh, agus ma tha e air fhàgail eadar
mise agus an Soisgeul bithidh mi dheth gu
siorruidh." 'S fheàrr learn labhairt riut-sa na ris
an f hear eile. Seall ciod e a th' anns a' cheann-
teagaisg — "Tlia Mac an duine a' teachd a shireadh,
agus a theàrnadh an ni sin a bha caillte." Tha e
'g innseadh dhuit gu bheil baranntas agad a ràdh
ris — "Tha mise cho caillte 's gu bi mi dheth gu
siorruidh mur faigh mi cabhair uait fhein. So
agad mise chum mo ghlanadh, chum mo shoills-
eachadh, chum m' ath-nuachadh, chum a bhi
dhomh na h-uile agus anns na h-uile. Ma thig
thu gu so cha bhi an diiiltadh air taobh Chriosd.
Tha fear eile ag ràdh — "'S e mo dhòchas ann an
dol an coinnimh na siorruidheachd, a bhi 'g a
mo thilgeil fhein air, agus a bhi 'g a m' f hàgail
fhein 'na làmhan. O, a charaid, cha 'n f hàillinnich
e thu ma's e f hocal fhein do bharanntas."
Tha neach eile ag ràdh — " Fhuair e mi, ach tha
mòran de'n t-seacharan annam-sa f hathast, ach tha
e agam, is tha dòchas agam annsan gu bi crun mo
theàrnaidh air a cheann beannaichte fhein; agus
29

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence