Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
Mac an Duine
Na'm faigheadh tu caoimhneas o do leth-bhreac
fhein, cha bhiodh focal mu dheidhinn ach na'm
faigheadh tu caoimhneas o dhuine mòr chluinneadh
a' h-uile neach mu dheidhinn, ach ciod e tha sin
an coimeas ris an an duine bhochd a' faotainn
caoimhneis o Mhac Dhe ann a theachd mar dhuine
dhoilghiosan gu bhi coinneachadh ris a' chrann-
cheusaidh.
2. Cha robh a leth-bhreac ann airson caoimh-
neis. Ged a chuireadh tu caomhneas uile aingle
na glòire, agus uile dhaoine na talmhainn
cuideachd, cha bhiodh ann uile, an coimeas ri
caoimhneas Chriosd, ach a mhàin mar am boinne
as lugha de'n uisge, an coimheart ris an loch
ud shios. Cha'n'eil eadar-dhealachadh cho mòr
eadar am boinne uisge agus an loch is tha eadar
uile chaoimhneas dhaoine is aingeal agus caoimh-
neas Chriosd an gràdh na Diadhachd. Ciod e
a dh'eireas dhuit mur ruig e ort ? Thàinig e chum
's gu fuilingeadh e, is gu faigheadh e bàs, is cha
chreid thu e. O, ma tha e furas dhuit a bhi
gun dion a ghràidh 's a chaoimhneis, agus sin
sint' a mach dhuit, ciod a dh'eireas dhuit? Tha e
'g ràdh — "'Shhi mi mach mo làmhan gu h-iomlan
ri pobull eas-umhal agus a labhras a' m' aghaidh,"
agus ma tha e a' deanamh sin, tha e 'ga dheanamh
14

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence