Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
Mac an Duine
chadal thu airson miosa, no airson bliadhna, na'm
faigheadh tu tròcair aig a cheann mu dheireadh.
Ach is urrainn do Dhia obair chabhagach a
dheanamh mar a thachair a thaobh Shacheuis.
3. 'S e focal irioslaichidh a bh'ann — "thig a nuas."
Thubhairt e so ri 'anam cho maith r'a chorp — e
thighinn a nuas o spàrdan na fein-earbsa. 4. 'S
e bh'ann focal soillseachaidh — "Feumaidh mi
fantuinn aig do thigh." Cha 'n e a mhàin gu 'n
do chuir se e fein 'n a ghlòir fa chomhair-san, ach
dh'oibrich a chumhachd ann a leithid a dhòigh
's gu'n deachaidh e gu bhroilleach. Cha'n'eil
mi saoilsinn gur ann gun aithne aige co a bh'ann
a thainig e nuas. 5. 'S e focal tàlaidh a bh'ann
— " Feumaidh mi fantuinn an diugh aig do thigh."
Gheall e cha 'ne a mhàin so, ach bha so ann, na'n
tugadh Sacheus umhlachd do'n a' ghairm, is na'n
tigeadh e nuas, gu 'n caitheadh e siorruidheachd
maille ris ann an neamh. Tha e air aithneachd-
uinn ann an neamh is ann an iutharn 'nuair a
choinnicheas Criosd agus am peacach a cheile,
ach gu bràth cha bhi an dealachadh air iarraidh
anns a' cheud ionad, no air fhaicinn anns an
ionad eile. Ciod e cho cumhachdach is a bha
gairm Chriosd ! Chuireadh so chum greim a
dheanamh air, is bha e deanta — chum a thoirt a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence