Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
Mac an Duine
sin, agus aig an uair sin coinnichidh Criosd agus
esan a cheile.
Chaidh Criosd troimh lericlio a chionn gu robh
peacach an sin bha dol a dh' fhaotainn tròcair.
Tha 'ainm air innseadh — b'e Sacheus e ; agus na's
mo na sin, tha e air innseadh dhuinn gu robh e
'n a chis-mhaor — eun breac anns na làithibh sin,
agus feumaidh esan a bhi breac da rireadh a tha
mar sin am measg pheacach. Dh'eirich olc-san
a reir 'inbhe— bha sin 'n a chridhe, agus bha
cothrom aige air a chur an gniomh. Bha e
saoibhir, agus cha'n'eil e air innseadh dhuinn gu
bheil mòran diubh sin air an gairm. Mar chis-
mhaor bha e àrdanach, bha e dubh, agus bha e
saoibhir. Nach bu mhi-choltach an neach e air
tròcair fhaotainn? Ach cha'n'eil slighean De
mar ar sHghean-ne, agus mar sin b'e so an dearbh
neach bha gu bhi faotainn tròcair aig an uair so,
agus anns an àite so.
Rann 3. — Bu mhlann leis losa fhaicinn ;
cha'n'eil e air innseadh dhuinne ciod e o 'n
d'eirich a' mhiann so. Tha fhios againn gu'n
cuala e uime mar neach iongantach a rinn mòran
mhiorbhuilean, agus bha seòrsa de dheidh aig air
esan fhaicinn ; ach na'n robh Dia air fhàgail dha
fhein, bhiodh e toilichte le sealladh a shùla, agus
6

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence