Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
42 A BHEAN TIGHE MHATH.
thàinig an ath-tè le barrachd stairirich 's
nar fhuair i stigh thòisich i air tlàmadh.
Bha iad a-nis a' tighinn na bu chaise 's na
bu luaithe aon as dèidhinn aoin le farum
's gleadhraich na bu mhotha 's na b'àirde
gus an robh an tigh loma làn diu 's iad uile
an greim. Thòisich an sin an obair da-
rìreadh, clreadh, càrdadh, tarruing, tlàmadh,
cuigealadh ; shnìomh 'bheart-f highe gu luath,
luath, 's am bùrn-luadh' mu'n teine, 's
chluinnte srannail na cuibhle, spreagail nan
càrd, diosgail na cuigealach 's sùrd na beart-
fhighe cian air astar. Dh' fheuch Bean-an-
tighe mhaith, mar b' fheàrr b' urrainn di ri
tàmh a chur air an ùpraid 's paiheas bithidh
'chumail riu gus 'm faicear 's 'n cluinnteadh
am fallus a' tuiteam bho h-aodann le slad
air an ùrlar. Ach cha chumadh an domhan
biadh riu ; mar b' f haide 's an oidhche
thàinig e 's ann bu mhotha dh' iarradh iad,
's cha bu mhotha an obair na na dh' f heumadh
iad. Aig a' mheadhon oidhche bha 'bhean-
tighe chòir thun tuiteam le saothair obair.
Dh 'fheuch i sin ri fear-an-tighe dhùsgadh
ach cha b' urrainn dhith. Bha e co maith

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence