Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
A BHEAN TIGHE MHATH. 41
Dh' èirich i 's nar dh' fhosgail i 'n dorus
thàinig bean choimheach ann an deise ciar-
uaine stigh seachad oirre 's shuidh i aig a'
chuibheal-shnìomh. Cha bu luaithe rinn i
sin na thàinig buille na bu chruaidhe do'n
dorus 's èibheach 's na ceart f hacail, —
" lonnaraidh Mhòr Mhaith Bhean-an-
Tighe ! Fosgail an dorus 's co fad 's a
mhaireas dhomhsa gheibh thusa."
Nar fhreagair Bean-an-tighe, thàinig tè
eile neo-shaoghalta stigh 's ghabh i thun na
cuigeil. Sin thàinig buille mòran na bu
chruaidhe 's guth na b' àirde ag iarraidh
stigh 's a' tairgsinn cuideachaidh. Nar dh'
fhosgladh an dorus thàinig ban-choigreach
eile stigh 's shuidh i 'chàrdadh. Buileach
thòisich ise air obair thàinig bualadh na bu
doirbhe do'n dorus 's guth a' glaodhaich, —
" lonnaraidh Mhòr Mhaith Bhean-an-
Tighe ! Fosgail an dorus gu luath 's co
fad 's a mhaireas dhomhsa gheibh thusa."
Nar chaidh an dorus fhosgladh shnàmh
tè iongantach eile, 'n a deise, 's na coltas
mar bha càch, stigh, 's dar fhuair i àite
suidhe thòisich i air cìreadh clòimhe. Sin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence