Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
A BHEAN TIGHE MHATH *S OBAIR-
OIDHCHE.
AoN uair o cheanna nan cian bha bean fear
fearainn no tuathanach beartach 's an oidhche,
mar a b' àbhaist do mhnathan cùramach 's an
am, an dèighinn do dh' fhear an tighe 's do'n
teaghlach gabhail gu thàmh, 'deanamh clò
air an son. Air dhith bhi sgith agus ro
chlaoidhte leis an obair thuirt i, —
" O nach tigeadh o thalamh no o chuan,
o chian no o laimh aon neach a chuidicheadh
mise 'dheanamh a' chlò so."
Cha luaithe bhruidhinn i na chual i
bualadh 's an dorus 's guth ag èibheach
ann an cainnt choimhich a thuig i bha
ciallachadh', —
" lonnaraidh Mhòr Mhaith Bhean-an-
Tighe ! Fosgail an dorus dhomh 's co
fad 's a mhaireas dhomhsa gheibh thusa."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence