Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
SPIORAD NA H-AOISE. 29
e air dhachaidh, agus fàgar an earb, an lach,
agus am breac bòidheach air stairsneach
bothan an t-slèibh.
" Buaidh is piseach le Caomhan donn ! "
arsa 'n seann duine. " Cha do chuir a
ghuala da rlreadh ris, nach do chuir tuar
thairis. Thig a stigh, a Chaomhain ; 's
'nuair bhleoghnas gruagach an fhuilt òir 's
na cìre airgid na tri mairt mhaola odhar,
fosglaidh mi dhuit dubh-cheist na cùise,
agus tairngidh sinn ghocas o fhasdadh agus
o thurus Chaomhain."
DUBH-CHEIST NA SGEULACHD AIR A
FOSGLADH.
" Cha d' f hàg thusa tigh t' athar 's do
mhàthar gun an cead. Beannachd t' athar
's do mhàthar bha 'nad chois, a Chaomhain.
Cha do dhÌLilt thu an greim do 'n acrach 'na
airc. Bha beannachd nam bochd a' d' chois,
a Chaomhain.
" Rinn thu fasdadh — gheall thu agus
choimhhon thu ; 's tha duais nam flrean a'
d' chois, a Chaomhain.
" Chunnaic thu an coileach òir 's a' chearc

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence