Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
28 SPIORAD NA H-AOISE.
madadh còir r'a thaobh ; agus an dèidh dha
cuairt no dha thoirt mu 'n bheinn, dh' fhàg e
eilid chaiseann an t-slèibh aig bonn a choise.
Thug Caomhan 'na dhèidh sin an lochan
air, agus faicear lach uaine a' mhuineil òir
ag itealaich os a chionn. " O ! " arsa Caom-
han, " nach robh agamsa nis fitheach dubh
an fhàsaich is làidire sgiath 's is gèire
sùil ! " Cha luaithe thubhairt e so, na chun-
naic e fitheach dubh an fhàsaich a' dlùtha-
chadh air an lochan, agus air ball dh' fhàg
e lach uaine a' mhuineil òir r'a thaobh.
Ràinig e 'na dhèidh sin an dubh-linne
dhorcha, 's faicear an t-iasg tarrgheal
airgiodach àillidh a snàmh o bhruaich gu
bruaich. " O !" arsa Caomhan, " nach robh
agamsa 'n dòbhran donn a snàmhas an sruth
's a thumas fo'n tonn ! " Ann am prioba
na sùl, cò bha 'na shuidhe air bruaich an
uillt ach an dòbhran còir. Dh' amhairc e
'n aodann Chaomhain le bàidh — thog e air
gu grad as an t-sealladh, agus a mach à
dubh-Hnne dhorcha nan gealag, thug e 'm
breac tarrgheal bu loinnreiche snuadh,
agus leigear e aig cois Chaomhain. Thog

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence