Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
SPIORAD NA H-AOISE. 27
lach àillidh a' mhuineil òir, agus am breac
a dh' aithnichear o gach breac ; is innsidh
mise dhuit an sin mu phiuthar do ghaoil
's mu dhà bhràthair do rùin."
Dh' fhalbh Caomhan donn. Chaidh
gruagach an fhuilt òir 's na cìre airgid as
a dhèigh.
" A Chaomhain," deir i, " gabh mis-
neach ; tha beannachd do mhàthar agad
agus beannachd nam bochd — sheas thu do
ghealladh — thug thu urram do thigh nan
laoidhean binne ; imich, agus cuimhnich mo
bhriathran dealachaidh — Gu bràth na toir
gèiii."
Thug e 'n sliabh air — faicear earb na
beinne — a lethbhreac cha robh sa' bheinn ;
ach 'nuair bha esan air aon bheinn, bha 'n
earb air beinn eile ; 's bha co maith dha
oidheirp a thoirt air neula luaineach nan
speur. Bha e 'n impis gèill a thoirt, 'nuair
chuimhnich e air na labhair gruagach an
fhuilt òir. " O ! " arsa Caomhan, " nach
robh agamsa nis madadh na maoile-mòire 's
nan casan lùthmhor ! "
Cha luaithe labhair e 'm focal, na bha 'm

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence