Skip to main content

‹‹‹ prev (25)

(27) next ›››

(26)
26 SPIORAD NA H-AOISE.
dòchas," arsa Caomhan, " agus bidh e pailt
ni 's leòir leamsa. Aisig dhomh piuthar
mo ghràidh agus dà bhràthair mo rùin
tha agad fo dhruidheachd, beò slàn mar
dh' f hàg iad tigh an athar ; agus bonn òir
no tasdan airgid cha 'n 'eil a dhìth air
Caomhan."
" 'S àrd t'iarradas, òganaich," arsa 'n seann-
duine ; " tha duilgheadas eadar thu 's na dh'
iarr thu os cionn na tha a' d' chomas a choth-
achadh."
" Ainmich iad," arsa Caomhan, " 's leig
leamsa 'n cothachadh mar is fearr is urra'
dhomh."
" Eisd mata : Anns a' bheinn àrd ud shuas,
tha earb shiùbhlach is caoile cas ; a leth-
bhreac cha'n 'eil ann ; 's ballach caiseann a
slios 's a cròc mar chabar an fhèidh. Air an
lochan bhòidheach dlùth do thlr na grèine,
tha lach a thug bàrr air gach lach — lach
uaine a' mhuineil òir. Ann an linne dhorcha
a' choire-bhuidhe, tha breac tarrgheal nan
giala dearga, is 'eàrr mar an t-airgiod is
gloine snuadh. Falbh, agus thoir dhachaidh
an so eiHd chaiseann bhallach na beinne.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence