Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
SPIORAD NA H-AÒISE. 23
d'a sgìos agus an oidhche gu lèir a chur
seachad maille ris.
Fhuair e gabhail aige 'n oidhche sin gu
maith 's gu ro-mhaith còmhla ri fitheach
dubh choire-nan-creag, nam fòghnadh feòil
a's sithionn ; 's an àm falbh sa' mhaduinn
thuirt e ris, " A Chaomhain mhic Ghorla-
na-Beinne, thoir leat na dh' fhòghnas air do
thurus — cuid a' choigrich cha d' ionndraich
mi riamh ; — agus cuimhnich mo bhriathra
deireannach. Ma thuiteas dhuit a bhi 'n
càs no an èiginn gu bràth anns an dean
sgiath làidir agus misneach nach dìbir feum
dhuit, cuimhnich ormsa : 's blàth do chridhe,
's coibhneil do shùil — dh' earb thu thu fèin
riumsa — bheathaich thusa fitheach an fhàs-
aich roimhe so, agus roinn thu leis do lòn —
's mise do charaid, chuir thu 'n oidhche
seachad ann an còs nan creag — earb asam."
Air an treas oidhche dh' amais còmhdhail
agus biatachd nach bu mhiosa air Caomhan
o'n Dòbhran-donn — an sgòr-shuileach — an
siriche teòma èasgaidh, air nach biodh cuid
fir no gille dhìth fhad' 's a bhiodh e r'a fhaot-
ainn air muir no air tlr. Ged nach robh na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence