Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
i6 SPIORAD NA H-AOISE.
shine anns gach dòigh, mar sin thachair
do'n mhac mheadhonach ; agus 'na charragh
cloiche tha esan an ceann tighe bothan an
t-slèibh, mar chuimhneachan air bristeadh
focail agus coimhcheangail fasdaidh.
Latha agus bliadhna 'na dhèidh so, thuirt
am mac a b' òige, Caomhan donn an àigh,
" Tha nis trl làithean agus trì bliadhna o'n
a chaill sinn mo phiuthar àillidh. Dh'
fhalbh bràthairean mo ghaoil air a tòir.
Nis, athair, ma 's ceutach leatsa, ceadaich
dhomh imeachd 'nan dèidh 's an co'-dhìol
a bhi agam — agus na deanadh mo mhàthair
mo bhacadh. Guidheam 'ur cead — na diùl-
taibh mi." /
" Mo chead 's mo bheannachd tha agad,
a Chaomhain, 's cha bhac do mhàthair
thu."
" An deasaich mise," ars' a mhàthair, " am
bonnach mòr as eugmhais mo bheannachd,
no am bonnach beag le dùrachd mo chridhe
agus deòthas m' anama ? "
" Do bheannachd, a mhàthair, thoir thusa
dhòmhsa ; agus beag no mor a thig 'na chois,
tha mise toilichte — bu bhochd leam oigh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence