Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
12 SPIORAD NA H-AOISE.
an fheasgar air ciaradh — bha neòil dhubha
dhorcha na h-oidhche a' tighinn, agus neòil
shìoda shèimh an latha a' triall ; na h-eòin
bheaga bhuchullach, bhachallach, òrbhuidhe
'gabhail mu thàmh ann am bun nam preas
's am barraibh nan dos — na h-innseagan
laoghacha lathacha, 's gach àite b' fhearr
a thaghadh iad ; ach ged a bha, cha robh
mac mòr Ghorla-nan-treud. Chunnaic e
tigh beag soluis fada uaithe ; 's ge b' f hada
uaithe, cha b' f hada 'ga ruigheachd.
'Nuair chaidh e stigh, chunnaic e sean
urra chohach do dhuine mòr torteil liath,
a' gabhail socair shàsda air beinge fhada air
dàrna taobh an teine, agus gruagach dhreach-
mhor a' cìreadh cùl dualach a leadain òir, air
an taobh eile.
" Gabh a nìos, òganaich," ars' an seann
duine, 's e 'g èirigh ; " 's e do bheatha. 'S
minic a thàlaidh mo leus loinnreach, astaraiche
nam beann. Gabh a nìos, 's leat blàths agus
fasgadh, 's gach cobhair tha 'm bothan an
t-slèibh. Dean suidhe ; 's ma 's miann leat,
cluinnear do sgèul."
" 'S òlach mise," arsa mac mòr an àireich,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence