Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
8
41. Am pori is fearr a sheinn Ruadhrigh riamh^
gliabhta seirbh dheth.
42. Am fear a ghleitheas a theangaidh, gleidhidh e
charaid.
43. Am fear nach bi olc na aire, cha smuainicli e olc
fir eile.
44. Am fear nach gabh 'niiair a glieibh, cha n fhaidh
'nuair is ail.
45. Am fear a bhios bèudach e fein, cha scuir e dh'
eigneach chaich.
46. A bhò is meas' a th' ann sa bhuaile is i 's airde
geum.
47. Aon inghean caillich, aon èun teallaich.
48. Am fear is faide saoghal 's e 's mo chi.
49. Am fear nach treabh air muir, cha treabh e air tlr,
50. Adhaircibh fad air a chrodh tha fada 'uainn.
51. Am fear nach seall roimh, seallaidh e na dheigh.
52. Air dha bhi reamhar no caol, s mairg nach beath-
aicheadh laogh dha fein.
53. Am fear a theid do 'n tigh mhor gun ghnothach,
gheibh e gnothach as.
54. Am fear nach dean cur re la fuar, cha dean e buain
re la teath.
55. A ni nach gabh nigheadh, cha ghabh e fasgah.
56. Am fear nach freagair athair no mhathair, frea-
gaireadh e ni 's taire, craicionn an laoigh. (:r)
(*) Alluding to a profligate's enlisting.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence