Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
31
a dh' itlieadh a' bhoiinaich mhòir, thigeadh fitli-
each duth an fhàsaich agus suidhear air sgor craige
os a cheann. " Mir, mìr, a mhic Ghorla-nan-treud/'
ars' am fitheach. "Mir cha'n fhaigh thu," arsa
mac Ghorla ; " mh' no deur cha'n fhaigh thu uamsa,
'bheathaich ghràinde stur-shuiHch, star-shuihch,
lachduinn ; tha e beag ni 's leòir dhomh fein."
'Nuair bha sud thar bearradh a chleibh, ghluais e
rithist gu siubhal nan eang — bheireadh esan air a'
ghaoith luath mhairt a bha roimhe, ach a' ghaoth
hiatli mhàirt a bha 'na dheaghaidh cha bheireadh i
air. Chriothnaich a' mhòinteach mar a dhlùthaich
e oirre — thuit an drùchd o'n fhraoch bliadanach
ghorm, agus theich an coileach-ruadh do 'n chà-
thar a b' àirde. Bha toiseacli aig an fheasgar air
ciaradb— bha neòil dhubha dhorcha na h-oidhche
a' tighinn, agus neòil shioda shèimh an latha a'
triall ; na h-eòin bheaga bhuchuUach, bhachallach,
òr-bhuidhe 'gabhail mu thàmh ann am bun nam
preas 's am barraibh nan dos — na h-imiseagan
laoghacha lathacha, 's gach àite b' fhearr a thagli-
adh iad ; ach ged a bha, cha robh mac mòr Ghorla-
nan-treud. Chunnaic e tigh beag soluis fada
uaithe ; 's ge b' fliada uaithe, cha b' fhada 'ga
ruigheachd. 'Nuair chaidh e stigh, chunnaic e
sean urra chohach do dhuine mòr toirteil liath,
a' gabhail socair shàsda air beinge fliada air
dàrna taobh an tenie, agus gruagach dhr-eachmhor
a' cireadh cùl dualach a leadain òir, air an taobh
eile. *'Gabh a nios, òganaich," ars' an seami
duine, 's e 'g eiridh ; '' 's e do bheatha. 'S minic
a thàlaidh mo leus loinnreach, astaraiche nam
beann. Gabh a nios, 's leat bliis agus fasgadh, 's
gach cobhair tha 'm bothan an t-sleibh. Dean
suidhe ; 's ma 's miann leat, cluinnear do sgèul." " 'S
òlach mise," arsa mac mòr an àireich, " a tha 'g
iarraidh cosnaidh — tliàlaidh do leus loinnearach mi
a dh' iarraidh blàs agus fasgadh na h-oidhche." " Ma

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence