Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
26
an uile eachdraidh Chriosd. Beachdaich gu suìdh-
ichte air losa Criosd, agus mothaichidh tu soilleir
'na phearsa Dia agus duine. Annsan cha do chaill
an Dia a bheag d'a Dhiadhachd, agus cha 'n 'eil
an duine air chor air bith air a dhealachadh o fhìor
dhaonnachd. An àm a bhreith chi thu 'n didne air
a gheur-leanmliuimi le Herod, agus anns a' cheart
àm chì thu daoine glice na h-àird-an-ear a' toirt
aoraidh dha mar Dhia. An àm a bhaistidh le
Eoin, chi thu 'n duine a' teachd a nios o lordan,
agus an Dia air a gliairm o nèamh le guth o'n
Athair shiorruidh, ag ràdh, 'S e so Mac mo gìiràidh
anns a bheil mo mhòr-thlachd. Anns an Kiing, chì
thu *n didne air a chlaoidh, agus 'na thròm-shuain,
agus Dia a tha smachdachadh na gaoithe agus na
fairge, 's a chuir gu tosd iad le aon fhocal. Aig
uaigh Lasaruis chi thu 'n duine a' sileadh nan deur,
agus Din a thug a charaid a bha ceithir hiithean
marbh, le focal a chumhachd chum beatlia. Ann
an gàradh Ghetsemane chi thu 'n duine air a ghlac-
adh leis na saighdearaibh, agus Dia a tlia le anail
a bheòil a' bualadh nan saighdearan dalma sin gu
làr. Air a' chrann-cheusaidh chi thu'n duine a'
biisachadh, agus Dia a tha san àm sin a' toirt air an
domhan criothnachadh, air chor 's gu'n do ghluais
an talamh, gu'n d' thàinig dorchadas air aghaidh nan
speur, gu'n do dhiùlt a' ghrian a solus, gu'n do sgoilt
na creagan, agus gu'n robh an saoghal air fad fo
uamhas, mar gu'm biodh e air a dhùsgadh gu moth-
achadh le bàs a Cliruthaighir agus 'Fhir-shaoraidh.
Là na Sàbaid.
CuiMHNICH là na Sàbaid a choimhead naomha.
Is culaidh-smaointean agus fà-bròin a thoirt fainear
uiread 's a tha 'n latha beannuichte so air a mhi-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence