Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
24
agus iomlaineaclida an nàduir dhiadhaidh air aii cur
as a leth. Tha e o shiormidheachd gu s'iorruidh-
eachd ; tha e uile-chumhachdach, uil'-f hiosrach,
uileldthaireach, agus neo-chaochlaideach. Tha
uilc ghniomhara na diadhachd mar an ceudna air
an cur as a leth ; cruthachadh gach saoghail, 's na
bheil annta : tha 'chùram agus a fhreasdal thairis
air an iomlan. Aige-san tha cumhaclid na mairbh
a dhùsgadh, — maitheanas peacaidh, — sìtli coguis, —
buaidh air an t-saoghal, — agus beatlia shìorruidh a
bhuileachadh. Dhàsan buinidh e breth a thoirt
air an t-saoghal, agus binn aingeal agus dhaoine a
thoirt a mach. Cha 'n 'eil aon dàimh eadar Dia
agus a chreutairean anns nach 'eil Criosd a' seasamh
dhoibh maraon. Mar a chruthaich e iad, 's ann ann
a tha iad a co'-sheasamh, agus air-san tha iad a'
teachd beà. Uime sin, tha focal Dhs ag àithneadh
aoradh a thoirt dà mar Dhia, agus thugadh aoradh
dha le fàidhibh, agus le abstolaibh, daoinibh làn
do chreidimh, agus do'n Spiorad Naomh. Dh'
asluich iad stiùradh a fhreasdail, a ehumhachd, a
ghrais, agus a bheannachaidh fliad 's bu bheò iad ;
agus an àm bdis ^liuidh iad gu'n gabliadh e an
spiorad d'a iomiimdh fein gu bhi maille ris 'na ghlòir.
Shuas ann an n^amh tha e air a leigeil ris duinn na
shuidhe air cathair a mhòrachd. 'Na làthair tha
aingle 'gan sleuchdadh fein, a' tilgeadh an coroin
aig stol a choise, a' folach an gnùise le'n sgiathaibh ;
agus a dh' oidhche 's a là gun sgios gun airsneul a'
seinn, Is naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia
U ile-chumhachdach, a bha, a tha, agus a bhitheas.
Agus tha uile-fheachd Ihlaitheanais, d' an àireamh
deich mile, agus mile do mliiltibh, a' seinn le che'ile
an aon orain shiorruidh, Beannachadh agus urram,
agus glòir, agus cumhachd, gu'n robh dhasan a ta
'na shuidhe air an righ-cliathah', agus do'n Uan gu
suthain siorruidh.
'Se diadhachdChriosd.a' chlach-ste'igh airam bheil

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence