Skip to main content

‹‹‹ prev (34)

(36) next ›››

(35)
17
far an robh mi, agus bha mo fliradharc a rithist a'
tighimi. Bha h-aon do na leanaban air a' chabhsair,
agiis thòisich a' bhean-uasal ri briodal ris. Dhlùth-
aich iad orm ; mhothaich iad nachrobh mi gumaith,
oir bha mo thaic fathasd ris a' bhalla ged bha sìiil
agam air na leanaban. Dh' amhairc mi gu geur
'na eudan. Dh'fhàg an deirge a ghruaidh — -thug e
clisgeadh beag as. Cha robh comas agam air aon
fhocal a labhairt : thainig reachd 'am mhuineal. Cha
d' aithnich e mi, tha mi làn-chmnteach nach d'
aithnich : ach an deigh dhoibh dol seachad, chunnaic
mi e toirt sìiil 'na dheigh, agus uaithe so thuig mi a
dh' aon chuid, gu'nd'thug e fainear gu robh samhlach-
adh eadar mi 's Mairi a' Ghlinne.
'' Thachair dhomh bhi mach latha eile, agus choin-
nich mi t.e 'mhuinntir mo dhùthcha, dh' imiis
domh gu robh Manus sa' bhaile ; gu'n do phiU e as
na h-Iimsibh le anabarra beartais ; agus gu'n cual' i
^u robh e fein agus maighdeami òg Shasunnach a'
dol a phòsadh. Chuala mi an t-àite san robh e fuir-
each, ach cha leigeadh mo chridhe leam dol far an
robh e. Cliaill mi mo shlàinte. B' eiginn mo chos-
nadh lliAgail. Chaidh an teaghlach aig an robh
mi do Shasunn, ach cha robh e 'm chomas an lean-
tuinn. Thainig mi do'n bhaile-mhòr so, gun fhios c'
arson ; agus fhuair mi fasgadh agus cairdeas aim an
tigh na mnatha còire sin a chuimaic sibh maiUe
rimn san àite so. Chreiceadh na bh' againn, a
chuid 's a chuid ; bha mo bhana-charaid bochd, co
bochd 's a bha mise. Thuig mi gu robh am bàs
dliith. Chuala mi gu robh Mànus pòsda ; ghlac
mi 'm peann uair agus uair chum fios a leigeil d'a
ioimsuidh air a' chor bhochd anns an robh mi, ach
thainig fuil mo shinnsirean, Sliochd Olghaire an
Dùiìi, beò, lag mar bha mi, agus thilg mi 'm peann
as an t-sealladh, Cha dubhairt mi focal ni bu
chruaidhe riamh 'na aghaidh na am freasdal a thoirt
maitheanais da. 'Se sin guidhe dùraclidacli mo
B3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence