Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
3
ach deagh sgeul mhòr-aoihhneis a bhitheus do na a-
uile shluagh, do Chimiich co math 's do ludhaich,
do gach rioghachd fo'n ghrein. Ach ciod i 'n teachd-
aireachd a bh' aig an aingeal ? Rugadh dhuibh an
diugh Slanuighear ann am baile Dhaibhidh, ìieach is e
Criosd an Tighearna. Rugadh dhuibhse ! a pheac-
aich bliochda, a dhaoine bàsmhor, Slanuighear,
Slanuighear o pheacadli agus o thruaighe, o bhàs agus
o leir-sgrios, neach is e Criosd an Tighearna, am
Mesiah a ghealladh gu moch, air 'ùngadh leis an
Spiorad Naomh, 's air a chur air leth o shlorruidh-
eachd chum dreuchd Fir-shaoraidh. Rugadh e,
deir an t-aingeal ; cha'n'eil e ni's mò air a leigeil
ris duinn fo shamliladh dorcha ; ach thdinig e dh'
ionuiuidh an t-saoghail. Rugadh e ^n diugh : thàijiig
an Id m'an cuairt faidheoidh, an là a dh'iarr righrean
fhaicinn agus nach fac' iad. Rugadh e ann am
Betlehem, cathair Dhaibliidli, agus uaithe so do
thigh agus do shliochd Dhaibhidh a re'ir mar gheal-
ladh. Cha'n fheudadh teachdaireachd nan aingeal
gun mhisneach agus sùlas a thoirt do na buachaill-
ibh. ])h' innseadh dhoibh na comharan leis am
faigheadh iad a mach Criosd. Bithidh so, deir an
t-aingeal, 'na chomhara dhuihh : gheihh sihh an naoidh-
ean paisgte ann am hrat-spèilidh, 'na luidhe am pras-
aich. Cò a shaoileadh gui' ann mar so a tliig-
eadh am Mesiah ? 'S ann an so a tha'n taisbean a
tha doirbh r'a thuigsinn : màthair bhochd uireas-
bhuidheach gun charaid — naoidhean fami — prasach
'na chreidheil dha — Am facas riamìi irioslachadh
cosmhuil ris a so ? Ach, feuch, air an làimh eik%
cathair rioghail os ceaim nan n^amh, — umhlachd
dhaoine gUce o dhùthaich che'in — reul ùr a' comh-
arachadh a mach na slighe — feachd n.-dmh a' teachd
a nuas, gAirdein an Tighearn air 'fhoillseachadh. —
Ciod an ni ach saorsa dhaoine, agus breith an t-
Slanuigheir a b'urrainn a leithid so do ghlòir agus
do mliòralachd a dhùsgadh ? An deigh do'n aingeal
A 2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence