Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
32
! 's àghmhor, sona 'n tìr ud,
'Us fois do shaor sLluagli Dhè;
! 's àghmhor, sona 'n tìr ud
Air 'm bheil ar cridhe 'n dèigh.
! losa, anu a' D' thròcair,
Do'n tìr ud treòraicli sinn ;
Thus' ionmholt leis an Athair,
'S an Spiorad Naomh gach linn
LAOIDH XXYl,
GUTH NEAMH.
Earlais air a' ghlòir shìorruidh.
'Dealradh 'an solus Dliè nan dùl
Tha 'ìomhaigh Fèin 'am ghruaidh ;
Chuir mi gleann dorcha sgàil' a' bhàis air cbùl,
Tha mi 'riaghladh 'nis le buaidh.
'An so cha-n 'eil crìdh' fo leòin,
'An so cha-n 'eil iarguin, no truaigh',
No aogas 'tha fann fo dheuraibh a' bhròin
'S trie 'chuir smal air a' ghruaidh.
Kàinig mi suaimhneas na glòir',
'S aon mi de naomh-chomunn nèimh;
Air mo cheannsa chàireadh coran an òir,
'S tha clàrsach òir 'am làimh.
Dh' ionnsaich mi 'n t-òran a luaidh
'Tha saor-shluagh Chriosd a' seinn ;
'S tha Talla nan nèamh a' co-fhreagairt le buaidh
Ri m' iir chaithream fhuaimear, bhinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence